Skip to main content

‹‹‹ prev (191)

(193) next ›››

(192)
188
maile ris na ceathairneich so, n'am be'e is gu'm biodh iad
air son da dhol ann ; air an aobhan sin dh'fhalbh bràthair
Fhir Ghlinn-Aladail, agus an duine mhuinntir Ghlinne-
Garaidh ma thri uairean sa' inhadainn {nir nn nnoidlìcamh
Intha fichead den ynìùofi) do'm bheinn anns an robh iad a
chòmhnaidh. Air dhaibh na ceathairneich f haotainn, thuirt
bràthair Fhir Ghlinn-Aladail rlu, gun robh Tighearn' òg
Chlainn-Raonaill air fògar fagus do'n àite, agus gu'n robh
e air son fasgath agus dìon fhaotainn uapa-san, nan
deònaicheadh iad sin a thoirt dha. Thuirt na ceathairneach
fhiùghantach gu'n deònaicheadh iad le'n uile chridhe, esan
a tliighinn agus gu'n nochadh iadsan dha gach caoimhneas
a bha 'nan comas, agus chur iad fìos da ionnsaidh e thoirt
coinneamh dhaibh ann an uamhaig Choirre-ghòth 'am
Bruthaichean Ghhnne-Moireaston aig uair shònraichte,
agus gu'n gabhadh iad cùram dheth. Thog am Prionns"'
agus a luchd-leanmhuinn orra agus rainig iad coirre-Ghlòth
air a*' cheart uair a gheall iad. Cha robh mu'n àm anns an
uaimh dhe na ceathairneich ach an dithis, an Dhòmhnullach
agus Alasdair Siseal. Chaidh fear Ghlinn-Aladail a steachd
do'n uaimh agus thuirt e riu gu'n robh Tighearna Chloinn-
Raonaill aig an dorus ; ach cha bu luaithe a chunnaic iad
an duine a bhasa 'g innise dhaibh bu Thighearna Chloinn-
Raonaill, na bhuail iad am basan le aighear, agus ghlaodh
iad: — "Am Prionns''! Am Prionns''! a bheatha do Choirre-
Ghoth." Dh'aithnich iad Tearlach a' cheud sùil a thug iad
air aghaidh agus thug iad e-fein agus a luchd-leanmhuinn
gu k'ir a staigh do'n uaimh chuir iad biadh a's deoch fa'n
comhair, cha b'fhad an deigh sin gus an tàinig an ceathrar
eile de na gaisgeich le feòl a's sithinn am pailteas : 'nuair a
chunnaic iad so am Prionnsa cha b'iad bu lugha gàirdeachas
na''n còmpaneich, agus thug iad air an òidhche sin fein nan
seachdnar am bòidean air an cuid biodag ann an làthair
nan uaislean : — " Gìim bìodh iad dìleas gn hàs, agus nach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence