Skip to main content

‹‹‹ prev (188)

(190) next ›››

(189)
185
taice riu a's anail 'na uchd. Dh-aithnich fear Ghlinn-
Aladail an duine, fear do Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh
a bh'ann ; bha e maille riu ann an cogadh Thearlach anns
gach blàr a chuir iad, agus bha e na dhiùlach tapaidh, ged
a b'eiginn da teicheadh a dhuthaich fèin le eagal nan
saighdearan dearga a bha'n tòir air a bheatha, agus a bha
an deigh athair a mharbhadh an latha roimhe sin. Chuir
iad muinntearas air an duine so gu bhi na cheann-iùil daibh
air feadh nan dùthchan ma thuath agus phill Dòmhnull
Cameron dachaigh gu Dùthaich Loch-Iall.
CAIBIDIL XXXL
TEARLACH FO THEARMUNN CHEATHAIRNEACH GHLINNE-
MOIUEASTON.
■'NuAiR a thainig a mhadainn, thuirt an duin' a' Ghleanna-
Garadh gu"'m b"'eol da prasgan fhògarach a bha chòmhnaidh
fagus do'n àit' anns an robh iad 'nan seasamh, agus 'nan
gabhadh iad os làimh an aire "'thoirt air Tearlach, gu'n
cumadh iad teai-aint' e ge b"'oil le feachd rìgh Seòras. B'iad
so seachdnar cheathaìrneach aìnmeìl Ghlìnne-Moìreaston.
Bha iad maille ri Tearlach fein anns gach blàr a thug e ;
agus an deigh latha chuil-Fhodair chunnaic iad na bh'aca
de spreigh air an giùlan air falbh mar chreich do"'n nàmhaid ;
cliunnaic iad cuid de'n càirdean d^'a mort leis an àrm-dhearg
mar bhiastan nimhe, agus cuid eile dhiu d^'an giùlan air
falbh, mar thràillean gu deireadh an laithean a chaitheamh,
ann an daòrsa measg choigreach gun treòcair ann an tìr
chein. Chunnaic iad an athraichean mar chuspairean
àbhachd ro ghunnaidhean nan Gall, am màthraichean agus
am peathraichean agus an cuid ban a"' bàsachadh a chin

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence