Skip to main content

‹‹‹ prev (180)

(182) next ›››

(181)
f/u
177
mhìos dheireannach an t-sàmhraidh ann an àite do'n goirear
a Mhalach-bheag air taobh deas Loch-Neamhais. Air
dhaibh a chluinntinn gu'n robh an dùthaich air air a
cuartachadh le nàimhdean ; dh' fhan iad sa' Mhalaich-
bhig fad thrì latha. Air a' cheathramh latha chaidh
Mac-Ionmhuinn an t-Sratha fein agus fear de'n sgioba
dhYheuchainn an amaiseadh iad air uaimh anns an deanadh
am Prionns' fhalach, agus chaidh am Prionnsa fein, Mr. lain
Mac-Ionmhuinn, agus an triùir eile de'n sgioba air sàl gu
ceann shuas an locha. Air dhaibh a bhi 'g iomradh tiomal
air sròin rudha beag a bha rompa, bhuail iad an cuid ràmh
air bàta 'bha ceaugailte ri creig, agus chunnaic iad cùigear
dhaoine le croisean dearga 'nam bonaidean ''nan seasamh air
tìr beagan os-ceann a bhàta. Dh'' fheòraich na daoine
dhiu " cia às a thainig iad, agus c'àite bha iad a' dol .^ "
Thubhairt gu'n " tàinig m Slèibhte, agus gu'n robh iad a'
dol do'n choille air toir fiodh tarsuinn, no crannalach bàta."
Air chiinntinn sin do luchd nan croisean, dh' iarr iad ona
" a thighinn gu tìr air ball air neo nach bu shaoghal daibh
ach na bh'eadar clach a's òrd,"air dhaibh fhaicinn nach tug
fìr an t-Srath feairt orr' leum iad 'nam bàta fein agus
thoisich lad air cruaidh iomradh a chum an glacadh.
'Nuair a dhluthaich luchd-nan croisean dearga orra, bha'm
Prionnsa air son leum as a bhàta gu tu', ach cha do leig
Mr. lain Mac-Ionmhuinn leis sin a dheanamh, ach dh'iarr
e air an sgioba an cuid gunnaidhean a bhi deas gu losgadh,
agus a bhi cinnteach gu'n deanadh iad deagh chùimse, na'm
be agus gu'n tigeadh na croisean dearga mò is teann orr'',
" oir," ars esan, " tha mi cuir romham, ma nochdas iad a''
mhi-mhodh is lugha dhuinn nach teid duine dhiù air an ais
a dh'' aithriseas an sgeul.'''' Tacan an deigh sin dhh'ithaich
iad ri àite de ''n fhearann, a bh'' air a chòmhdachadh le
coille bho shliabh gu tràigh. Thuirt Mr. Mac-Ionmhuinn
ris a'' Phrionnsa gu'm faodadh iad dol air tìr sa''n ionad sin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence