Skip to main content

‹‹‹ prev (176)

(178) next ›››

(177)
173
ri talanih." " Ma, ta," ars a Tearlach, " ghabhainnse
os-laimh an gnothach a dheanamh ris an dithis eile." Mar
bha iad a ghabhal na slighe bha iad a' deanamh an uile
dhìcheall chum cumail a fradharc nan taighean, ach bha
fear an dràsta 'sa"' rithist de mhuinntir na dùthcha tachairt
orra: — Air dhaibh a thighinn gu glacag uaigneach, thainig
fainear do Thearlach, gun robh an siste-cot a bha uinie, air
a dheanam de bhreacan grinn sgàrlaid, le putanan air am
fìghe le toinntean òir, tuilleadh as finealt air son gille
màileid, uime sin thug e a shiste-cot do Chalum Mac-Leòid
air son fhir fein. "'Nuair a bha e cuir uime siste-cota Mhic-
Leòid, labhair e mar so: — "Tha làn dòchas agam a Chulum
gun toir mi dhut siste-cota mòran na's fearr ^^^11 fear sin
fathast, air son an fhir so."
An deigh dhaibh ceithir mile fichead a choiseachd, ràinig
iad ma bhial an latha Eallagol fagus do Chille-ma-Righe
ann an Srath Mhic-Ionmhuinn, far na tharladh dhaibh
tachairt ri dithis de Chlann lonmhuinn a bha cogadh fo
bhrataich Thearlach fein ann an Cuilfhodair, bheachdaich
na daoine gu geur air a' Phrionns' anns an aghaidh, agus
ged a bha mhàileid air a dhruinn agus neapaig dhubh
shioda air a suaineadh m'a cheann, mar chite air duine tinn
(bha so air a' chum a chur as aithne), dh''aithnich na daoine
e air ball, agus cha b*'urrainn, iad am bròu a chumail orra
fein n'a b'fhaide, ach, ghlaod iad a' bualadh nam bàs ;
thuirt Calum Mac-Leòid, iad an dosgainn a chumail orra
fein, gum bu dàcha lethid sin a dhol a mach am Prionnsa"'
bhrath dha nàimhdean, no math a dheanamh dha, air an
aobhar sin thug e orra bòideachadh air a bhiodaig nach
innseadh iad do neach sam bith gum fac' iad am Prioimsa.
Bha iad a nise dkì do thaigh Mhic-Ionmhuinn an t-Sratha,
agus dh'fharraid Calum Mac-Leòid de Thearlach an i'obh e
air son Mac-Ionmhuinn fhaicinn, thuirt am Prionnsa nach
robh anns a' cheart àm, gum b' fhearr leis a dhol a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence