Skip to main content

‹‹‹ prev (154)

(156) next ›››

(155)
151
an dYhuair aii t-arm-dearg brath gu'n robh Teai-lach anns
an Eilean-fhada agus rùinich iad pairtidhean lionmhor
sluaigh a chuir air tìr ann an iomadaidh àite de'n eilean,
agus "gach cùil a's cjall " a mhion rannsachadh a chum am '^-
fògarach rìoghail fhaotainn an làimh ! 'Nuair a chuala
baintighearna Shir Alasdair gun robh iad a' dol air a thì,
chuir i fios gu Uisdean Bhaile-Sear ann an Uidhist a
Chinne-Tuath. An deigh do dh' Uisdean an teachdaireachd
so fhaotainn cha do leig e clò le rosg gus an d' ràinig e
Gleann-Biasdail far an robh am Prionns"' am falach. Tha
min' chunntas againn air an turas sin bho bhial Mhaistear
Uisdean fein mar so sios : —
" A thaobh an latha bhi fliuch agus ceòthach, thainig
mi gle dhlù do'n bhothan mu'n tug iad an airre dhomh,
dh'innis fear de'n chuideachd do'n b'àinn Ailean Dòmh-
nullach co as a thainig mi, agus co mi ; anns a*" mhionaid
chuir am Prionnsa'' fàilt' a's furan orm, agus thuirt e gun
robh e ro thoihchte gnùis duine chòir fhaicinn ann an àite
cho leth-oireach, aonrach. Bha e air an àm sin air eideadh
ann an cota-gearr breacain, agus siste-cota dheth an aodach
chianda a fhuair a bho bhainntighearna Mhic-'lc-Ailein,
feileadh goirid de bhreacan, sgàrlaid, osanan de chatas
garbh madair agus brògan baltach, fraocharanach ; bha
churac-òidhche balla-bhreac le sile-sùithe, (no mar a theireir
ann an cuid de dh'àitean snithe-dubh) bha leine, aodann,
agus a làmhun dubh leis an ni chianda, agus fhiasag gun
bhearradh mu leth-oirleach air fad. 'Nuair a shuidh mi
fèin sa' bhothan dh'iair e drama chuir mu'n cuairt, an deigh
dhuinn slige an fhir a sguabadh as do rèir cleachdadh nan
Gàel, chureadh an dinnear air clàr. Mu'n robh sinn deis
deV biadh, co thigeadh a steach ach fear Bha()sdail agus be
chiad seanachas a thuirt e " gun b'' fhearr, deireadh cuirme
na toiseach sabaid," agus thòisich e air ithe " gun chuireadh
gun altachadh." Thaitin a chùis sin ris a*' Phrionns'' gu fior

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence