Skip to main content

‹‹‹ prev (129)

(131) next ›››

(130)
LAOIDH CHLANN UISNE
A Chlann Uisne nan each geala
Is sibh an tir nam fear fuileach,
Gu de e do bhi air 'ur n-eachaibh ?
Na 'n cion-fath a ta 'g 'ur cumail ?
Ta 'g 'ur cumail fada bhuainn,
'S gur ann leibh a chuirteadh an ruaig,
Do lannan bagairt 'ur namhaid,
Agus amhluadh anns a chumasg.
Ach chuireadh leibh 'ur long a mach
A chaitheadh a chuain gu h-eolach,
Bha Naos bu treise 'g a seoladh,
Agus Aille, maise nan ogan.
Bha Ardan bu deise 'g a stiuireadh,
Air freasdal dithist bhrathar iulmhor —
Tha ghaoth, gun eismeil ri sgeimh
A gleachd ri trillse grinne, reidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence