Skip to main content

‹‹‹ prev (537)

(539) next ›››

(538)
522 TRANSLATIONS.
'Dian-ruitii 1 seach! Cluinneadh Cuil-fhodair,
'N ait' gairm-choo;aidh Threubh, an fhuaims" ;
Criothnaicheadh gach coill' mu 'n Mhan'chuinn —
Dhruim, mu 'n iadh gach àille, gluais-s' !
'Sior-dhol tuath, a chaoidh cha srianar
Na h-eich iaruinn 'n an steud dheirg,
Gus am bòdhrar le an srannail
Creagan geala Rudh'-na-Feirg'.
N fheudar buileach do na Gaidheil
Triall o 'n àrois 'measg nan gleann Ì
'Chuid 's a chuid an saltair Sas'naich
Tur fo 'n casan Tir nam Beann ?
Fineachan a chean' air dibreadh,
Ceòl na piob' 'dol as gu luath ;
'M bàsaich tur a Tir nan àrd-bheann
Gàidhlig àdhmhor aosd' nam buadh
" 'S coma," 'deir thu, '' ged a rachadh
Na seann chleachdaidhean air chùl,
Bheir an Triath gu buil tre 'n sgrios-san
Criochan ris nach 'eil do dhùil !'''
Feudaidh fein 'bhi ; ach 'n toir Innleachd,
Le a h-ealdhain mhin 's a snas,
Treun-laoich cholgavra nan ard-bheann,
No 'n seann chairdeas ris air ais !
Ni h-eadh ; ach ge mor - am buannachd
Far an tig an cruaidh-ghaoir ghrannd',
Dh' fhalbh gu tur a' bhuaidh 's an druidheachd,
'S cha bhi 'Ghàidh'ltachd chaoidh mar bha ?
Ach tha fathast glacan bruachach
'Dhùisgeas annam smuaintean àrd',
'S glinn gun àireamh nach do thruailleadh,
'S iomadh dithreabh uamhalt, fhàs ;
lomadh allt an coirean uaigneach,
sheann fluiarain 'g eiridh suas,
'Taomadh 'n hnnean dorch' an uisge,
'S caorann ruiteach air gach bruaich ;
1 Al. 'Steudadh.
■^ AL, ach dh' aiudeoin. Also in next line, read for ghrannd', hreun ; aiic
fcji inar bha, ia the fourth, read i fèin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence