Skip to main content

‹‹‹ prev (516)

(518) next ›››

(517)
PROVERBS. 501
Ithidh na balaich bonnaich, ach 's iad na coin na caileagau.
Itheadh a' choin air a sgeith.
Lagh Chill-mo-Cheallaig.
Latha geal samhraidh. (Bright summer day).
Learn leat.
Leig leis a' mharbh laìgh'.
Leig e 'mhaidean leis an t-sruth.
Leig leam is leagaidh mi leat.
Leigear a shalchar fein leis gach rudha.
Leigheas na circe.
Leis an righ a bhios air a' chathair.
Leithsgeul is cas-mhaide air. (A lame excuse ; lit., an excuse
with a stilt).
Leugh do litir fein mu 'n seall thu an litir do choimhearsnaich.
Lit is bainne biadh na cloinne.
Lit is bainne Ion leinibh,
Lit is leann Ion seann duine.
'^ Lùb am faillean 'nuair a ta e maoth. (Bend the twig while it
is young. Between three and thirteen, thraw the woodie when
it is green).
Ma bhios tu measail ort fein, bidh meas aig muinntir eile ort.
Ma gheibh e cù a dhol eadar e 's a' chroich.
Ma phòsas tu bean pòsaidh tu taigh, 's ma phòsas tu taigh
pòsaidh tu dragh.
Ma 's ann ort a tha feum, biodh an t-saothair ort.
Ma 's dubh, no ma 's odhar, is toigh leis a' ghabhar a meann.
Ma 's math leat a bhith buan, deoch gu luath an deigh an
uibhe.
Ma 's olc ann ba mhios as e.
Ma 's olc an fhidheal cha 'n fheàrr a comain.
Ma 's toigh leam an t-eun faiceam a bhlath.
Ma 's toigh leat a' mhuc is toigh leat a h-àl.
Ma tha a' ghaoth air chall, ian- a deas i.
Ma tha e saoibhir, theirear gu bh-'eil a choir aige.
Mac bantraich aig am bi crodh,
Searrach seann làrach air greigh,
Is madadh muilleir da 'm bi min,
Triuir a's meanmnaiche air bith. — See Nic, p. 308.
Maith an aghaidh an uilc.
Mar a dean i 'n taobh-s' e, ni i 'n taobh ud eile e
J> Maragan is bantraichean r' an gabhail fhad 's a' bhios iad teth.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence