Skip to main content

‹‹‹ prev (198)

(200) next ›››

(199)
DONALD MACKECHNIE.
179
NA SEANN GRAIN.
Melody by lain Mac Cahim.
Key D. — Moderate.
• 1 :s-. m|r :r-d :r-ni|l :1
O, seinn a rls iad, mo chailin dlleas,
. t : d' . 1 is : 1 . d'
m' •, r' I "d' ■■ d' |
'S iad thogadh m' inntinn os
j-l :S-. mis :l-t
Tha 'n cridhe fuaraidh nach deanadh gluasad
/ • s : 1 ., d' i r' : r' . d' =1
cionn gach dòruinn ;
d' •. r' Im': m'l
m : mil
Ri eisdeachd dhuanag air fuaim cho ceòlar.
0, seinn a ns iad, mo chailin dileas,
'S iad thogadh m' inntinn os cionn gach dòruinn ;
Tha 'n cridhe fuaraidh nach deanadh gluasad
Ri eisdeachd dhuanag air fuaim cho oeòlar.
Cho binn 's a dh' eireas am bàiT na geige,
Air mhadainn cheitein a beul na smeòraich ;
Air fuinn a dh' fhàsas 's na glinn gu nàdurr',
'S nach tig gu blàth, ach an sgàth num. mòr-bheann.
Tha greis o'n dh' fhàg mi an gleannan fàsail,
'S an d' fhuair mi m' àrach an làithean m' òige ;
'S an cual mi 'chànain tha 'm chluais gun fhàgail,
Am fuaim nan dan air an robh mi eòlach.
0, creid gur firinn a tha mi 'g innseadh,
Is ionmhas prise il do thir a h-òrain ;
Cha dileab shuarach o'n bhàrd a dhuanag,
Ged 's beag, mo thruaighe ! 'chuir i 'na phòca.
0, ceòl ar dùthcha, is spiorad iùil e
A tha 'g ar stiùradh air cùrsa mòrachd.
An cumail ùrail nam beusan fiùghail,
A choisLnn cliii dhuinn an cùis na còrach.
'Na fhann-ghuth gràsmhor, biodh ceo! nan àrd-bheann
Am chluais 'san la "bhios gim mhàireach dhòmhsa ;
'S mo bheannachd dh' fhàgainn, an aiinnt mo mhàthar,
Do 'n tir 'rinn m' àrach an làithean m' òige.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence