Skip to main content

‹‹‹ prev (175)

(177) next ›››

(176)
158 MODERN GAELIC BARDS.
Gabhail cead do mo chàirdean,
Air cladach na tràighe ;
Fhir riamh nach d' fhàg t' àite,
Na abair gur faoin.
Gabhail cead do mo dhùthaich,
Le a beanntan àrd rùisgte,
A gleanntan glas ùrar
'S a bruthaichean fraoich.
A leadain bheag, bhòidheach,
Gach cnoc agus còmhnard,
Gach monadh is mòinteach,
Gach Ion agus raon.
'S an null thai- a' chuan ud ;
Gach latha 's gach uair deth
Gu trie ann am smuaintean
Mo ghrùagach dhonn, chaoin.
'S 'nuair thig la na Sàbaid,
'S luchd m' eòlais 'sa phàiUiun,
Cha bhi mi 'n sin laimh riu,
Is each ann mar aon.
Ach ! 's e mo dhùrachd.
Mo ghuidhe is m' ùrnuigh,
Gun till mi ri ùine
Gu m' dhùthaich 's gu m' dhaoin'.
'S gu 'm faic mi an Leideig,
Le monadh 's le deisir,
'S Dun-bhallaire chreagaich,
A' faire a' chaoil.
"S gu'n cluinn mi a' Ghàidhlig
'San tir a rinn m' àrach :
Mo roghainn gu bràth i
De chànain an t-saoghail.
'S am fairich mi 'n t-aoibhneas
Tha "n tir ud a' chaoimhneis,
Gach aon tigh'nn gu m' fhoighneachd,
'S iad soillseach le aoidh.
'S cha 'n fhaic thu gu bràth e,
'N aon kite 'g an tàmh thu,
Am fàilte bheir Gaidheal
Cho blàth is cho saor.
Ged is deireadh, cha di-chuimhn'
A' choinneamh bhios priseil,
'Nuair gheibh mi mo nionag,
'S i nios leani ri m' thaobh.
A sùil mheall mo chi'idh' uam,
'S i donn mar an fhion-dheaxc,
Cho blath is cho miogach
Fo a min-mhalaidh chaoil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence