Skip to main content

‹‹‹ prev (166)

(168) next ›››

(167)
DUGALD MA.CPHAIL. 151
'S taitneach leam an sgeul ud
A dh' fhiosraich mi 'n Dun-eideami,
E 'bhi tigh'nn thar bhàrr nan tonn,
Gu coinneamh chlann na feille.
Deoch-slàinte, etc.
Air ghaol an nochd bhi làmh ris,
An " Seòmraichean na Bànrigii, "
Sùd mi 'n diollaid an eich iarrainn
'Dol gu h-iar air bàinidh.
Deoch-slàinte, etc.
B'i sud an lùchairt àluinn
Gun choimeas dhi air àirde,
Air leud 's air fad, an dealbh 's an dreach,
Ach Parthenon na h-Aithne.
Deoch-slàinte, etc.
'Nuair thaom a stigh do 'n lùchairt,
'N an sreathan daingean, dùmhail,
Na fiùrain dhìleas nach do dhiobair,
Gleachdadh tir an dùthchais —
Deoch-slàinte, etc.
Air ceann gach reang, 'nuair ghluais iad,
Bha 'phiob is rioghad nuallan —
A chliathluth dhionach, chruaidh-ghlan, bhinn,
A thogadh dhinn gach smuairean.
Deoch-slàinte, etc.
Na maighdeannan deas, guamach,
Le lith nan beann 'n an gruaidhean,
Ri taobh nan gallan ùrail, sgeanail,
Sunndach, smearail, uasal.
Deoch-slàinte, etc.
An òigridh fhallain, fhuasgailt',
Gun ghaoid, gun ghiomh, gun bhniailean,
Gràinne-mullaich nam flath duineil,
Bho Mhuile nam fuar-bheann.
Deoch-slàinte, etc.
Bha 'n sealladh ud ni b' àiUidh,
Na feillean luno 's Bhàcuis ;
An còmhlan rùnach, clann mo dhiithcha,
'Danns' air ùrlar clàraidh.
Deoch-slàinte, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence