Skip to main content

‹‹‹ prev (135)

(137) next ›››

(136)
124 MODERN GAELIC BARDS.
Tha aoidh agus sunnd air gniiis na cruiiuie
Cho ùr fo dhuilleach 's fo bhlàth ;
Gun aire no gun eis air spreidh no duine,
'S gach i-eidhlean uile cho Ian.
Tha uiseag nan Ion gun bhròn, gun mhulad,
Le h-òran suillein gu h-àrd ;
'S theid mise do 'n choill le loinn nan cruinneag,
A sheinn air hiinneig le each.
AM FEASGAR.
Tha 'ghrian a' sgaoileadh fiamh a glòir,
Mar bhrat de 'n or air bhàrr nam beann ;
'S an dubhar sèimh a' snàmh mar cheò,
A' eòmhdach còmhnaird rèidh nan gleann.
Tha fuaim nan allt mar chòisir ehiùil,
Le 'n crònan ciùin a' ruith gu tràigh ;
A' sgaoileadh deatach shèimh mar dhriùchd,
Tha 'g ùrachadh nam miltean blàth,
Tha eòin nan speur le 'n ceileir binn,
A' tional eruinn fo sgàil nan craobh ;
Mar iobairt neo-chiontaich na sith,
Tha laoidh am beòil gun ghò, gun ghaoid.
Tha neòil an anmoich oirnn mu 'n cuairt,
A' falaeh uainn an t-soluis àigh ;
Sguiridh a nis ar saothair chruaidh,
Le sùil ri suaimhneas agus tàmh.
Mar sin tha beath' an duine 'triall,
Bho 'n dh' eireas grian air 'òige bhos ;
Gus an tig 'fheasgar aosmhor liath,
Bho shaothair dhian cha 'n fhaigh e elos.
All neach is fhaid' tha beò de 'n t-sluagh,
Cha 'n 'eil 'na chuairt ach bruadar geàrr,
Seargaidh a bhlàth 's a' gheamhradh fhuar,
'S cha till a shnuadh air ais gu bràth.
! Thusa dhealbh an cruinne-ce,
'S ann duit is leir ar cridh© steadi,
'S ann duit is aithne crioch ar reis,
Thoir dhuinn gu 'n geill sinn dha do reachd.
Their Thusa dhuinn an dòchas beò,
Thoir uainn na sgleòthan faoin nach seas ;
'S 'nuair theid ar gairm leat thun a' mhòid,
Gu 'm bi ar lòchrain againn deas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence