Skip to main content

‹‹‹ prev (120)

(122) next ›››

(121)
NEIL MACLEOD. 109
Fhuair mi tigh 'us fearann
Agus beagan giiail,
'S rud a dheanadh banais,
'S thug mi tios do 'n t-sluagh ;
Chruinnich iad gii geanail,
'S dhealaich iad le gruaim,
'S mhallaich iad lo caithream
Ainm a' bkilaich ruaidh.
Their a nis gach bean rium,
Agus sin le uaill,
"C àite bheil do leannan,
Amadain gun bhuaidh?
Na 'm biodh tusa smioi-ail,
Fearail m;u' bii dual,
Chumadh tu do chaileag
Bho 'n a ghille ruadh. "
Ma bhios mise maireann
Gus an tig Di-hiain,
Siùbhlaidh mi gach baile
'S leanaidh mi an ruaig ;
Gus am faigh mi deannal
Dhe mo ohaman cruaidh,
'Fhiachainn air an drannaig
Aig a' bhalach ruadh.
Bha mi 'n raoir na m' chaithris,
'S aithreach leam mo dhuais,
'G amharc air gach bealach
'S mu gach bad 'us bruach ;
'S bhòidich mi fodh m' anail
Ged 'rachadh mo luadh,
Gu 'n tugainn ruith-phrannaidh
Air a' bhalach madh.
Shaoil leam, mar bu mhaith leam
'Nuair a ghabh mi cuairt,
Gu 'm faca mi 'm balach
'Falach aig a' chruaich ;
Thug mi leum le cabhaig
Gus a bhi 'n a ghruaig
Ach 's e bhuail mi bannas
Gearran Choinnich ruaidh.
Ma gheibh mis' a.n garrach
Air an taobh so 'n uaigh,
Ni mi 'cheann a sgaradh,
Ged a b' ann le tuaigh :
Mis' a' cur nan car dhiom
Ann an leabaidh fhuair,
'S ise 'rinn mo mhealladh
Aig a' bhalach ruadh !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence