Skip to main content

‹‹‹ prev (101)

(103) next ›››

(102)
92 MODEKN GAELIC BARDS.
Chrom a' ghrian, tha 'n iarmailt ruadh.
Air cuan mòi- nan stuadhan àrd ;
Feuch an long ag eiridh suas, —
Mar thannasg fuar i seach a' snag.
Tha 'n oidhche 't^achd le 'trusgan ciar, —
Tha 'n àiide 'n iar air dol 'n a smàl ;
Thrèig an t-seisd 'bha 'm beul gach ian,
Gidheadh cha 'n 'eil mi 'tmll o 'n àird.
Tha gach diiil, 's gach cuileag fhaoin
Air gach taobh a' gabhail tàimh ;
Ach mise 'am shineadh anns an fhraoch,
Fo iomairt smaointean baoth gun sfcàth.
O'n a thàinig mi do 'n t-saxjghal
'S beag a rinn mi 'smiaointean glic ;
itinT bhlàth cluarain air an raon,
'Ghluaiseas leis gach gaoith a thig.
Gidheadh tha smaointean tiamhaidh, bochd,
'Nochd a' mosgladh ann am chrìdh',
Tha mar fhàsach falamh, fuar,
'S e gun luaidh air neach, no ni.
Cha 'n 'eil agam leannan gaoil,
No caraid awmh agam fo 'n ghrein, —
Cha 'n "eil agam bean no clann,
No neach a b' annsa leam na 'cheil',
Amhuil mar bhrùid air a' mhagh,
Gun eagal Dhe, gun ghràdh, gun dùil ;
Cha 'n 'eil cùi'am air mo chrìdh',
'S mi gun ni 's an cuir mi ùigh.
Ard-Rìgh nam feart tionndam riut,
A's air mo ghlùinean guidheam ort, —
Deònaich dhomh-sa ci-idhe nuadh, —
Eisd ri m' ùrniugh thruaigh an nochd.
Dòirt a nuas do Spiorad caomh, —
Ris an t-saoghal bheiream ciil ;
Dhuit a mhàin, ! thugam gaol,
A' d' Aon Mhac fein, ! cuireara dùil.
Eisd, a Shlànuighear nam buadh,
Ri ùrnuigh thruaigh a' teachd o m' chrìdh'
Tha mo cheum air slighe 'bhàis,
'Thriath nan gràsan sàbhail mi.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence