Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
42 MODERN GAELIC BARDS
O, b' e sud an sealladh eibhinn,
Bheireadh geilleadh air gach bròn,
Bhi 'g am faicinn ruith 's a' leumnaich,
'S cop ri 'g eiridh ris gach sroin.
Cait am facas bàgh cho aluinn
Ris a bhàgh mu 'm bheil mi seinn?
Ni-mò fhuaireadh port cho sabhailt,
Anns gach gàbhadh cruaidh us teinn.
Nuair a b' abhaist dhomh cuir cul riut,
Dol do dhuthaich dhubh nan Gall,
'S trie le deoir a shil mo shuilean,
Fagal tir mo dhurachd thall.
Ach nuair thigeadh am dhomh tionndadh
Null a dh-ionnsuidh Tir an Fhraoich,
O, gur mi bhiodh cridheil sunntach,
Falbh a null gu fonn nan laoch.
'S nuair a ruiginn Gob na Càbaig,
Air bord bàta mor na smuid,
Bhiodh mo chridhe leum 'an airde,
Dol a steach do bhàgh mo ruin.
Chi mi fathast fallain, slàn thu,
Ma tha 'n dain dhomh fhein bhi beo,
'S ged bu bhas dhomh — sud ort slainte,
Thir mo ghraidh le gradh gun ghò.
FONN-ARD : — Steornabhash, '5 e Steornabhagh
Am baile 'j- boidhche leamfo '« gkrein ,
Steornabhagh, 's e Steornabhagh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence