Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
LIEUT.-COLONEL JOHN MACGREQOR, M.D. 35
Nuair a chuir mi cul ri mo ghruagach dhonn,
'S e b' eigin dhomh seoladh muir mor nan tonn,
Nuair a chuir mi cul ri mo ghruagach dhonn ;
Nuair a chuir mi cul,
Shil gu fliuch mo shuil,
Ri fagail mo ruin, 's i cho tursach, trom,
Nuair a chuir mi cul ri mo ghruagach dhonn.
Bha sinn uile deuchainneach, doruinneach,
Ach nis bidh sinn duanagach, dochasach,
Bha sinn uile deuchainneach, doruinneach ;
Oir thainig mis' thar tuinn,
Gu posadh m' ainnir ghrinn,
'S a chaoidh bidh sinn aoibhneach us solasach,
Bha sinn uile deuchainneach, doruinneach.
Choisinn mi dhoinh-fhein nighean bkoidheach, dhonn.
An ribhinn thar miltean hu bhoidhche ham,
Choisinn mi dhoiuh-fhein nighean bhoidheach, dhonn ;
Choisinn mi dhomh-fhein
Nighean bhanail, mhin,
Bu shiobhalta briodal us comhradh rium,
Choisinn mi dhomh-fhein nighean bhoidheach, dhonn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence