Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
LIEUT.-COLONEL JOHN MACGREGOK, U.D. 25
Air dhomh-sa bhi sglth anns na h-Innseachan ccin,
Us m' fheòil air a pianadh le dian-theas na grein',
Gur trie ann am inntinn thig muinntir mo chrldh'
Us Tir nam Beann-àrd anns na dh-àraicheadh mi.
Tir nam Beann-àrd.
Ged shìùbhlainn an saoghal feadh aonach us fonn,
â– Ged sheolainn gach àite feadh bhàrcaich nan tonn,
Ged thriallainn gach gleann agus beann tha fo 'n ghrein,
'S e 'n tir a rinn m' àrach is àillidh leam fein,
Tir nam Beann-àrd.
Nuair dh' eireadh na Gàidheil le cheil' as gach gleann,
'S a thòisicheadh bualadh us sguabadh nan lann,
Cha d' fhuaireadh na nàimhdean bho laithean bho thus,
Nach sgapadh, nach sgàineadh, 's nach fàgadh an lùghs.
Tir nam Beann-àrd.
'S nuair sheideadh a' phiob ann an cluasaibh nan laoch,
Cuir cuimhne gu deònach air mòinteach an fhraoich,
Gu 'n eireadh gach inntinn ri cluintinn a' chiùil
A chuala na beanntan 's gach am chaidh air chill.
Tir nam Beann-àrd.
Gur prlseil an dileab a shealbhaich na suinn,
Fuil chraobhach an sinnsear bu riomhaiche loinn.
An cànan cho uasal 's a chualas a riamh,
Us trusgan an fheilidh do 'm b' eibhhinne sgiamh.
Tir nam Beann-àrd.
Bho chian anns gach gàbhadh 's gach àite fo 'n ghrein'
Bu dual do na Gàidheil a riamh a bhi treun,
Oir b' fheàrr leo am bàs na bhi strlochdadh do nàmh.
Us sinte 's an uaigh a bhi suaineach 'nan tàmh,
Tir nam Beann àrd.
Mar sin cuiribh fàilte, cuir fàilt' air gach aon
De 'n t-sluagh do 'm bu dual a bhi cruaidh agus caoin,
'S a chaoidh bidh sinn caomh agus caoimhneil ri chèil'.
Mar dhream nach robh riamh do na nàimhdean fo gheill.
Tir nam Beann-àrd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence