Skip to main content

‹‹‹ prev (242)

(244) next ›››

(243)
CARAID NAN GAIDHEAL. 189
clò-bliiialadh fhèin, cha bhitheamaid a' talach. Ach
is èigin duimi sgur air an am.
Each. — Air 'ur n-athais. Cia mar a tha na
gnothuichean ann an Innsean na h-àirde 'n ear a'
dol air an aghaidh ?
CuAiR. — Tha direach cho maith 's a b' urrainn
duinn iarraidh. Bhuadhaich sinn thairis air na
\i-Affghaiis anns gacli blàr. Glilac sinn an àiteachan
làidir. Smùid sinn an caisteil gn làr, 's gach daing-
neach a bhuineadh dhoibh. Thug sinn air an ais
na priosanaich a bh'aca 'an sàs. Thug sinn Ian
dioghaltas a mach orra, 'us phill sinn dachaidh do
ar n-àiteachan fhèin — thrèig sinn an dùthaich.
Each. — Aicheamhail gu dearbh, 'us dioghaltas!
Da rireadh, 'tha aobhar bosd againn ! Ciod a chuir
ann sinn — an gnothuch a bh' againn ris na daoine
bochda? Co 'thug cead no iighdarras dhuinn dol
thairis air na beanntaibh àrd' a tha eadar an dtithaich
aca-san 's na bhuineas dhuinne ? Co 'thug cead do
Bhreatunn saltairt air gach tir a thogras i, 's a
bratach dhearg a thogail air gach bàrr-bhalla 's an
t-saoghal? Innsibh so dhomh, ciod a chuir sinn a
nuun do thir Chabool^ 'us tir nan Affghaiisf Nach e
sannt barrachd fearainn — iarrtas air barrachd uachd-
ranachd a bhi againn — a thug oirnn èiridh air na
daome sm ?
CuAiR. — Cha-n 'eil thu fad 'am mearachd. Cha
robh leth-sgeul eil' againn gu dol 'n an dàil, ach a
chur an cinn h smachd. Tha na diithchannan do'n
deachaidh sinn fo righrean beaga, no cinn-f headlma,
ach sheas iad le cheile 'n ar n-aghaidh ; 's an deigh
dhuinn toirt orra striochdadh, dh' èirich iad a suas
le foill, 'us rinn iad mort nàrach air ar cuid daoine.
Each. — 'S am bheil sin 'n a iongantas? An saoil
sibh na-n tigeadh na Fraugaich a stigh oirnn-ne, 'us

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence