Skip to main content

‹‹‹ prev (211)

(213) next ›››

(212)
168 CARAID NAN GAIDHEAL.
" Chuir an leann a dh'ol rai," arsa mise," cadal orm,
leigibh leam." Dh'ihalbh sinn ; thoisich mi air
Laoidh Mhic Cealair agus gacla laoidh eile 'bha agam
air mo tlieangaidh 'aithris ; ach mu'n d'fhuair mi
leth rompa bha sinn aig ceann ar turuis, agus a
rithist tèaruinte air sràidibh Ghlascho. Sin ag-
aibh, a Chuairteir riinaich, eachdraidti mo thuruis do
Phaisley.
CuAiR. — Agus a nis, 'Eacbainn, nach aidich thu
gur mòr an t-sochair na h-innleacbdan sin? 'S
eigin gu-m bi daoine 'siubhal o àite gu h-àite — tha de
ghnothuichean a nis eadar ait' agus àite, eadar duin'
agus duine; demhalairt'sde dh'iomairtdegachseorsa,
's gur anabarrach an t-sochair a tha daoine 'faotainn
uapa. Cha-n urrainnear Lunnuinn agus Glascho
'tharruing na's dluithe d'a cheile na tha iad — Lunn-
uinn a shlaodadh a nuas, no Glascho a sparradh a
suas ; cha-u 'eil e comasach an t-astar a dheanamh
na's giorra na tha e ; ach ma gheibhear an t-astar a
dheanamh anns a' cheathramh cuid de 'n ùine 'b'
àbhaist da 'ghabhail ; nach e sin an t-aon ni 's ged
a bhiodh iad air an dluthachadh r'a cheile? Tha
leth-cheud mile 'nis mar bha deich mile ri linn m'
òige. Siùbhlaidh daoine 'nis ann an ceithir-uaire-
fichead astar a ghabhadhseachduin o cheann t'hichead
bliadhna, agus cha chost e 'n deicheamh cuid a dh'-
airgiod : agus nach mor an t-sochair sin ?
Each. — Cha lèir dhomh f hèin gu-m bheil a' chilis
mar a tha sibh ag ràdh. Ma tha cothrom aig daoine
'nis air dol o àite gu h-àite nach robh aca, ciod e sin?
Am bheil iad na's saoire 's na's lugha cost aig deir-
eadh na bliadhna ? 'An àite sin tha iad a' cost a
dheich uiread 's a bha na daoine bho 'n d'thàinig
iad — tha iad a dheich tricead o 'n tigh. Mur biodh
cothrom aig ceatharnaich air dol gu Galldachd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence