Skip to main content

‹‹‹ prev (209)

(211) next ›››

(210)
156 CARAID NAN GAIDIIEAL.
BliH na ficheadan carbad 'n a dhèigh acli clia deach-
aidh peileir riamh o bheul a' glmnna-mhoir le luas a
bu mho ua chaidh iad seachad oirnn, Cha robh diiil
again gu-n robh leud na liidaig eadar an da charbad,
's na-m biodh iad air a cheile 'bhualadh, c' ait' an
sin an robh Eachann? Tharruing mi m' anail.
" Tha 'n sud aon rudha fodhainn," arsa mise rium
fhein. Dh' fheuch mi 'nis beachdachadh air an
dùthaich ran 'n cuairt, ach cha robh so comasach,
cha robh a' bheag air am b' urrainn an t-siiil socrach-
adh ach a h-uile achadh, 'us craobh, 'us cnoc, 'us
tigli, a' ruith mu *n cuairt 'an dèigh a cheile ; tighean
mòr' a' tigliinn 's an t-sealladh, ach ge b' fhada
bhuainn iad cha b' fhada 'g 'an ruigheachd — ann am
prioba na siila bha sinn seachad orra. Chunnaic mi
achadh air an robh moran mhulan 'us ruchdan feòir.
Bha iad a' ruith rau 'n cuairt, a h-uile h-aon air a
bhonn fhein mar ghille-mirein, 's an t-iomlan mar
gu-m biodh iad a' dannsadh ceithir-chuir f hichead
Ruidhle-thulachain. Dh'fheuch mi an àireamh ach
mu-n do chunnt mi leth-dusan diubh bha iad as an
t-sealladh. Bha mi 'nis 'g am f haireachduinn fhein
rud-eigin socrach, agus an t-eagal 'g am f hàgail, 'n
uair a thainig an dubh-dhorchadas oirnn ! Cha robh
grian no leus soluis ann, creag mhòr dhubh ri cliath-
ach a' charbaid agus an aon f huaim fhàsail, eagal-
ach, air chor agus eadar rànaich an eich iaruinn,
gleadhraich na h-acfhuinn agus co-f hreagradh mhic-
talla 's an uaimh dhuirche tre 'n robh sinn a' dol,
gu-n robh mi uile gu leir fo eagal na bu mho na bha
mi fhathast — air mo bhòdhradh, air mo dhalladh, 's
mo cheann 's an tuainealaich. " Ciod è so?" arsa
mise ri Niall. "An Tunnel^'' ars esan. " B' e 'n
donnal e gu dearbh," arsa mise, " an donnalaich
a's gràinde 'chuala mi;" ach 'am prioba na sùla bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence