Skip to main content

‹‹‹ prev (193)

(195) next ›››

(194)
140 CARAID NAN GAIDHEAL.
cladhacli a h-aona mhaide mor, cuid diubh ceithir
fichead troidh, air fad, agus a ghiulaineas ceud
pearsa, 's a thèid troimh mhuir a chuireadh ion-
gantas ort ; da f hichead ràmh aca air uairibh annta
so.
Each. — Thug iad bàrr air birliun Mhic Nèìll
Bharra, no sgoth mhòr thighearna Chola.
CuAiR. — Tha iad fior ghaolach mu cheol, agus
tha puirt aca 'tha milis, taitneach r'an eisdeachd.
Tha iad mothachail, lèirsinneach mu ghluasad na
greine, na gealaich, 's nan reultan ; luidhidh iad a
mach fad oidhche shamhraidh a' beachdachadh air
na rionnagan ; tha ainmeannan ac' orra, agus ainm
air gach craoibh agus preas, gach lus agus blàth 'tha
'fas 'n an diithaich ; 's cha-n 'eil eun air iteig, no iasg
air snàmh nach 'eil ainm ac' orra.
Each. — Le cead duibhse, ciod an seorsabidh a th'
aca : cia mar tha iad air am beathachadh ?
CuAiR. — Tha iad gaolach air iasg, agus tha iad
fhein 'n an iasgairean sònraichte ; tha mucan lion-
mhor aca, agus tha 'm buntàta 'nis a' cinntinn
anns gach cèarn de'n eilean ; tha aon seòrsa buntàt'
ac' a dh' f haodar itheadh gun a bhruich idir.
Each. — Gun a bhruich ! Sin agaibh an seòrsa
'bu choir a thoirt do Thirithe, far nach 'eil gual no
mòine, no connadh. Bu choir do'n BhàillidÌi fios a
chur air a thiota.
CuAiR. — Tha iad fior ghaolach air seorsa de
mheacain, agus luibheau a tha 'fas 's an diithaich ;
's àbhaist doibh bun na rainich uir a bhruich agus
'itheadh, agus seilcheagan mora 'tha cumanta, agus
durragan no boiteagan na h-urach.
Each. — Fhalbh, fhalbh! Tha mi 'faicinn nach
'eil iad deacair a thoileachadh ; cha-n f hèarr iad na
na mucan. Am bheil dad de nàdur dibhe làidir aca ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence