Skip to main content

‹‹‹ prev (166)

(168) next ›››

(167)
CAEATD NAN GAIDHEAL. 113
a tha cuid a' comhairleachadh na caoil a stigh, tha
cuid eile 'smaointeachadh gur iad na caoil a muigh
bu tèaruinte. Tha cuid a' smaointeachadli gu-m bheil
an long a' giulan tuilleadh 's a' choir de shiiiil àrda,
's ma chumar oirre gu-n teid na croinn thairis ; cuid
eile 'am barail gur e sin dòigh a's fèarr — gu-m bheil
an fhairge cho trom 's nach 'eil tèaruinteachd eile
dh'i ; cuid air son tarruing air falbh roimh 'n doininn,
agus cuid air son cumail oirre. Tha daoin' air tir-
mor ag ambarc oirre, càirdeau agus naimhdean, cuid
a' guidhe leatha, 's cuid a' guidhe 'n a h-aghaidh;
cuid a smaointeachadh gu-m bheil i 'n impis a bhi
air a slugadh a stigh do bhras-bhuinne garbh Choire-
bhreacain as an tigi mach 'n a clàraibh briste, agus
cuid eile gu-m bheil i mar a' mhiotailt a chuirear 's
an teine chum a glanadh, as an tig i 'mach na's
luachmhoire. Gu-m b' ann mar sinn a thachras !
'S dearbh chinnteach ged tha am preas r'a theine
nach caithear e. Esan a bha maille ris an eaglais
shean, cha treig e 'nis i ; ged tha ma dh'fhaoidte,
neula dorcha m' a timchioll, fosglaidh iad, thig i
'mach chiil nan neul sin mar a 'ghrian ann an
àilleachd a neirt, agus soillsichidh agus blàitichidh i
ar duthaich mar a rinn i anns na làithean a dh'fhalbh,
agus fad' an dèigh dhuinne 's do'n àl a tba 'làthair a
bhi 'n ar suain fo'n f hòid.
Mur 'eil sinn uile 'còrdadh mu na nithean ciogail-
teach sin a tha 'nis a' diisgadh connsachaidh agus
eadar-dhealachadh baralach, tha aon ni arms am
bheil gach aon leis am b' àill gu maith d' ar Sion a'
co-chòrdadh, 's e sinn ann an ùrnuigh dhùrachd-
aich aig cathair gràis gu-n deanadh àrd Cheannard
ar n-eaglais a thoirt air a h-uile ni co-oibreachadh le
'chèile air son a maith, agus gu-n suidhichear air
bunachar firinneach, seasmhach asrus tèaruinte 'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence