Skip to main content

‹‹‹ prev (153)

(155) next ›››

(154)
100 CARAID NAN GAIDHEAL.
nach robh eun r'a f haicinn air iteig, no iasg a' snàmh,
ach seorsa de mhucan-mara beaga, geala, a dh'iasg-
aich sinn air uairibh. Ach 's e 'chuir iongantas 'us
càileigin de dh'eagal oirnn, gu-n do chaill snàthad
ua Combaist, no mar theirear rithe, an Tarunn-art,
a buaidh. Tha fhios agaibh gu-n seas an t-snàthad
iùil so, no an Tarunn-art, do ghnàth anns na cèarn-
aibh so ris an taobh tuatli.
BuACHAiLLE. — Nacli 6 sud an ni 'chunnaic sinn
ann am bocsa beag iaruinn fo gliloine air soitheach
na Ceilpe?
Lach. — Cum do theanga, 'gharraich, na cuir stad
air a sheanachas.
Seor. — Clia-n amhairceadh ma ta an Tarunn-art
na bu mho chum na h-àirde tuath, no chum na h-àirde
deas ; chaill i a buaidh 's a h-eifeachd gu buileach
glan, agus cha robh stàth sùil a thioundadh oirre.
Ach *n a dheigh so uile ghabh sinn air ar n-aghaidh
— caoil lira, agus muirean iira 'fosgladh romhainn,
agus maol air chul maoile a' tighinn gach latba 's an
t-sealladh. Latha de ua làithean ràinig sinn àite
àraidh far an d'thàinig an Tarunn-art, no suàthad
na Combaist, a rithist beò, agus gu a buaidhean ;
ach an ait' a gob a churaail ris an àirde tuath, sheas
i calg dhireach ris an àirde deas ; a' dearbhadh leis a
so gu-n deachaidh sinn seachad air fior chridhe na
h-àirde tuath ; a chuid sin de 'n t-saoghal ris an
cum an Tarunn-art a ceanu, c'àit' air bith an càirear
i. Air an latha so, mu mheadhon an f hogharaidh,
dh'innis ar sgiobair gasda dhuinn ('s b' e sin esan),
gu-n do choisinn sinn an coig mile bonn oir a gheall-
adh do'n cheud luing a ruigeadh an t-àite so. Cha
ruig mi leas innseadh gu-n do thog sinn iolach
gàirdeachais. Ceithir-là-deug 'n a dheigh sin chunn-
aic siuu nach robh stàth 'bhi 'stri na b' fhaide. Bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence