Skip to main content

‹‹‹ prev (187)

(189) next ›››

(188)
120 Bàrdachd Gkaìdhlìg.
Coire gun easbhaidh gun iomrall,
Is tric a bha Eaibeart mu d'chomraich;
3220 Chan "eil uair a nl mi t'iomradh
Nach tuit mo chridhe gu tromchradh.
Is e sin mise Coire an Easa,
Tha mi am sheasamh mar a b'àbhaist;
Ma tha thusa "nad fhear ealaidh,
3^5 Chiinneamaid annas do làimhe.
An àill leat mise a rùsgadh ceoil duit,
Is mi am shuidhe mar cheò air bealach,
Gun spèis aig duine tha beò dhiom
O'n chaidh an Còirneal fo thalamh?
3230 Mo chreach, mo thùirse is mo thruaighe,
'Ga chur 'san uair-sa dhomh an ìre,
Mliuinntir a chumadh rium uaisle
Bhith an diugh 'san uaigh dam dhìth-sa.
Nan creideadh tu uam, a Choire,
3235 Gur h-e dorran sud air m' inntinn,
Is cuid mhòr e dli' aobhar mo leisgeil
Nacli urrainn mi seasamli ri seinn duit.
Measar dhomh gur tu mac Euairidh
Chunna mi mar ris a' Chòirneal;
3240 An uair a bha e beò 'n a bheatha
Bu mhiann leis do leitheid 'n a sheòmar.
Bu lìonmhor de mhaithean na h-Eireann
Thigeadh gu m' rèidhlean le h-eahiidh ;
Sheinneadh Euairidh Dall dhomh fàilte,
3245 Bhiodh MacAoidh 's a chàirdean mar ris.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence