Skip to main content

‹‹‹ prev (180)

(182) next ›››

(181)
Am Brcacan Uallacìi. 113
Shiubhlainn leat a phòsadh,
3035 Is bharr feoirnein cha fhroisinn dealta ;
B'i sud an t-suanach bhòidheach :
An òigbhean bu mhòr a tlachd dhith.
B' aigeanntach 's a' choiir thu,
Dam' choibhreadh le d' bhlàs 's le t'fhasgadh:
3040 O chathadh is o chrìonchur * i«£f ./ w=o<^f ^u— ^
:.r.^^C^
Gun dionadh tu mi ri frasachd.
c-^'^-
,a
Air uachdar gura sgiamhach
A laigheadh an sgiath air a breacadh,
Is claidheamh air chrios ciatach
3045 Air fhiaradh os cionn do phleata.
Is deas a thigeadh cuilbheir
Gu suilbhire leat fo'n asgaill,
Is dh'aindeoin uisge is urchoid
No tuilbheum gum biodh ar fasgadh.
5050 Bu mhaith anns an oidhche thu,
Mo loinn thu mar aodach-leapa ; l'''"5t'
B'fhearr leam na'm brat lìn thu <t Ju^it/u-
As prlseile mhui tha'n Glaschu.
Is baganta grinn bòidheach ^f^ mT !^-'^'^-[
3055 Air banais 's air mòd am breacan : " .,
'^Suas an èileadh-sguaibe, ' ,"
Is dealg-gualainn ag cur air fasdaidh.
Bu mhaith an là is an oidhche thu,
Bha loinn ort am beinn 's an cladach ;
3060 Bu mhaith am feachd 's an sìth thu :
Cha rìgh am fear a chuir as duit.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence