Skip to main content

‹‹‹ prev (107)

(109) next ›››

(108)
40 Bàrdachd Ghàidìilig.
Sean teadhair a bh'air eapull
Chuir iad oirre i air son càbaill
Fulag air son acair :
1060 Cha robh aca-san ni b'fhearr.
■/
OEAN DO FHEAE AN EIEEACHD. _
i^GlLLE-EASBUIG MacDhOMHNAILL. V [
Fhuair mi naidheachd ro mhaith leam
Air Coirnealair Ailean,
D'an dùthchas an t-Eireachd
/ O chionn tamuill is cian ;
1065 Is e do dhualchas bhith fearail, ^ -
Is e do bheus a bhith s miora il, 'Ì^/Jiry^
Is e do cheutfaidh chuir all' ort
Thaobh barrachd do ghnìomh.
Bha thu treun an tìr aineoil
1070 An uair a dh'èireadh a' charraid ;
Bha thu gleusda an àm tarruing
Nan lann tana 'san strì;
Bha thu làidir le ceannas
Anns gach ruaig agus deannal :
1075 Bhiodh do nàimhdean ag gearan
Le aithreachas sgìth.
Tha an uiread de bhuaidh ort,
Tha gach duine ann an luaidh ort,
Tha thu urramach suairce,
1080 Tha thu uasal ro ghrinn ;
Tha thu furanach truacant',
Is blàth do chridhe ge cruaidh e;
Làmh a dhìoladh nan duaisean
Bheireadh uat iad neo-chrlon.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence