Skip to main content

‹‹‹ prev (67)

(69) next ›››

(68)
64: DEARBII-BIIEACHD AIR SLAINT.
deas làimli Dhe, agus chì thu an làthair an Ti
sin, a ghiùlain ar peacaidhean uile, cho làn 's a
thug è air falbh na peacaidhean sin, agus cho
làn-thaitneach 's a nochdar thu-fèin leis am
fianuis Dhè. Ma leanas tu air amharc suas, bheir
an Spiorad comas dhuit air amharc na's mò agus
na's mò, foillsichidh è dhuit an Cuspair air am
bheil thus' ag amharc, agus bheir è thu cèum air
chèum gu bhi air " d'atharrachadh chum na
h-ìomhaigh ceudna." Ach cha n-fhaighear an
t-saorsa so gu bràth le do shùilean a phiUeadh
air falbh o losa fèin, chum ìomhaigh losa 'fhaic-
inn annad-fein. " Feuch Uan Dhè, a tha 'toirt
air falbh peacaidh an t-saoghaiL" Ag amharc
air-san, tha thu saor : lean ag amharc air-san,
agus gheibh thu cuid de chruth na glòire sin a
tha clio maiseach a' dealradh 'n a ghnùis.
"x\ch,"arsa tusa, " nach 'eil comharraidhean
Sgriobtuireil ànn leis an aithnichear Criosduidhean
o rahuinntir eile ?"
Gu dearbh tha. Ach cha n-f haigh duine sìth
agus dearbh-bheachd air slàint le creidsinn gur
('riosduidh è, ach le faotuinn amach gur peacach
caillte, truagh è, agus gur è Criosd an Slànuighear
làn-fhoghainteach airson a leithid. Tha comh-
arraidhean anns an Sgriobtuir leis an aithnichear
fior Chriosduidhean, agus tha iomadh crìoch aig
na comharraidhean sin. Caid diu chum cealg-
adairean 'fhaotuinn amach. " Ciod an tairbhe,
mo bhrkithrean, ged their aon neach gu bheil
creidimh aige, agus gun oibre 'bhi aige ? An
urrainn creidimh a theàrnadh ? Seum. 2. 14.
Faodaidh duine sam-bith a ràdh gu'm bheil
creidimh aige, agus 'oibrean a' dearbhadh nach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence