Skip to main content

‹‹‹ prev (60)

(62) next ›››

(61)
DEARBH-BHEACIID AIR SLAINT. 07
an eaglais, ann mo mhinistear, ann mo chuid
leabhraichean, ann mo thuigse fèin — ach cha n-è
sin creidimh ann an Dia. Agus cha n-urrainn è
gìth a thoirt do m'anam. Is ann ri Dia fèin a
tha mo ghnothach anns gach uile ni a bhuineas
do mo theàrnadh, no do mo dhìteadh, agus cha
n-urrainn ni sam-bith na's higha na guth Dhè
fèin sìth agus dearbh-bheachd a thabhairt domh.
Cha n-ànn do mo pharantaibh, no do'n eaglais,
no do mo mhinistear, no do mo reusan fèin a tha
agam ri cùnntas a thoirt, ach do Dhia. Ciod,
matà, is urrainn mo dheanamh cìnnteach ach
guth Dhè fcin ? Càit an cluinnear a ghuth ? Ann
" am focal a ghràis." Is ann le oibreachadh
cumhachdach a Spioraid a bheirear a ghuth gu
soilleir, dìreach a dh-ionnsuidh mo chridhe, agus
a dh-fhosgailear mo chridhe chum èisdeachd ri
guth Dhè fèin air thoiseach air gach guth eile.
Ach is ann leis an fhocal a tha an Spioraid ag
oibreachadh air a' chridhe. Ts ann o èisdeachd a
thig creidimh, agus èisdeachd tre fhocal Dhe.
Bòm. 10. 17. Agus arèir sin tha sinn a' lèughadh
mu " èisdeachd a' chreidimh," Gal. 3. 2. Agus
ciod è sin " èisdeachd a' chreidimh ?" Tha dìreach
èisdeachd focail Dhè — fianuis Dhe mu Chriosd —
mar Fhocal Bhè — mar fhianuis Dhè. " Uime
sin a ta sinne mar an ceudna a' toirt buidheachais
do Dhia gun sgur, do bhrìgh 'nuair a ghabh sibh
ri focal Dè a chuala sibh uainne, gu'n do ghabh
sibh ris cha-n ann mar fhocal dhaoine, ach, (mar
is e gu fìrinneach,) focal Dè, a tha 'g oibreachadh
gu h-èifeachdach annaibh-sa a ta 'creidsinn." —
1 Tes. 2. 13. Faodar Abstol, miuistear, pàrant,
caraid, leabhar, no trachd a ghnàthachadh mar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence