Skip to main content

‹‹‹ prev (58)

(60) next ›››

(59)
DEAnim-r.HEACHD A]R SLATNT. 65
agus a thig slàint d'anama gu bhi 'n a ceist ort,
an sin bithidh fios agad cia duilich leat an
soisgeul a chreidsinn, agus mothaichidh tu gu'm
feùm thu dearbhadh 'fhaotuinn air o'n ùghdarras
a's àirde chum sith cheart a thoirt do d'anam, Anis,
matà, mo lèughadair, is ann an so a choinnicheas
Dia ruinn 'n a ghràs. Gun teagamh tha fèum
againn air an dearhhadh a's àirde air teachdair-
eachd an t-soisgeil. Ach ciod an t-ùghdarras ?
ciod an dearbhadh a b'àiU leat ? An urrainn thu
ùghdarras na's àirde na Dia fèin 'f haotuinn ?
Agus nach è Dia fèin ùghdair an t-soisgeil, a tha
gu soilleir a' foillseachadh nan nithe sin dhuit
'na f hocal ? " Mar tha Dia fìrinneach," deir an
t-Abstol, " cha b'e ar còmhradh ribh-se Seadh
agus cha-n Eadh. Oir Mac Dhè losa Criosd, a
shearmonaicheadh 'n 'ur measg-se leinne, eadhon
leam-sa agus le Siluanus, agus le Timoteus, cha
robli e 'n a Sheadh agus 'n a cha-n Eadh, ach ann-
san bha Seadh." 2 Cor. 1. 18, 19. Is è losa
Criosd, Mac Dhè, a shearmonaich na h-Abstoil,
agus " mar tha Dia fìrinneach" b'è sin an cìnnt-
eas daingnichte — àrd theisteanas nan uile nithe a
dh'fhoillsich 's a theagaisg iad. Am b'àill leat
tuilleadh seach sin ? ìosa Criosd, Mac Dhè agad
mar chuspair do chreidimh ; agus fìrinn Dhè fèin,
an àrd fhianuis, agad mar stèidh do chreidimh,
"■ Mar tha Dia fìrinneach !" Gu cìnnteach geda
bhitheadh mìle anam aig neach gu bhi air an
teàrnadh, bu leòr sin dhoibh uile.
Cuimhnich, matà, gur è creidimh gabhail ri
fianuis Dhe gu toileach. Fèumar a gabhail mar
fhianuis Dhè, oir mur gabh, cha n-'eil creidimh
idir agad ann an Dia. Eisdidh creidimh ris an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence