Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 37
dhùnadh air sin uile ? Eisd an guth fein ag ràdh,
" Uime sin ma f huair sibh bàs maille ri Criosd o
cheud thoiseachaibh an t-saoghail, c'ar son, mar
dhaoine a ta beò 's an t-saoghal, a tha sibh fuidh
orduighibh." Col. 2. 6, 10, 12, 13, 20. Agus
arìst, " Uime sin ma dh'èirich sibh maille ri Criosd,
iarraibh na nithe a ta shuas, far am bheil Criosd
'n a shuidhe aig deas làimh Dhè." Agus arìst, '• Oir
a ta sibh marbh, agus tha bhur beatha folaichte
maille ri Criosd ann an Dia. 'Nuair a dh'f hoill-
sichear Criosd, neach a's e ar beatha-ne, an sin
bithidh sibhse mar an ceudna air bhur foillseach-
adh maille ris ann an glòir. Uime sin claoidh-
ibh bhur buill a ta air an talamh, strìopachas,
neò-ghloine,fonn-collaidh, ana-mianna, agus sannt,
ni a's ìodhol-aoradh." Thoir fainear, cha n-'eilear
idir ag ràdh fèumaidh sibh a bhi marbh do'n
t-saoghal, agus do fhèin, agus do'n pheacadh,
agus a bhi beò do Dhia, chum gu'm bi sibh marbh
maille ri Criosd, agus gu'm bi sibh beò maille
ris. Cha n-'eil idir; ach " tha sibh marbh ;" tha
bhur beatha folaichte maille ri Criosd, ann an
Dia;" uime sin claoidhibh bhur buiU a ta air an
talamh. Anis ma's ann mar aon a " tha marbh
maille ri Criosd" a bhitheas mì, do thaobh cleachd-
aidh, marbh do na nithibh a ta air thalarah ; ma's
ann mar aon air èirigh maille ris a dh-ìarras mì
na nithean a tha shuas, tha è mar sin soilleir
gu'm feum fios a bhi agam gu'm bheil mì marbh
maille ris, agus air eirigh maille ris, oir mur 'eil,
cha n-urrainn mì gluasad gu bràth arèir na
h-àithne a ta air a tabhairt an so. Agus tha an
ni cèudna air a theagasg ann an àitibh eile de'n
Litir so, ag ràdh, " Na deanaibh breug d'a chèile,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence