Skip to main content

‹‹‹ prev (448)

(450) next ›››

(449)
AN CEATHAIRNEACH CAOL, RIABHACH. 305
" Air choig mhairg da uair," ars' an Ceathairneach, " chuirinn-sa
"chluas mar a bha i roiiiihid."
Fhuair e na còig mhairg da uair, 's chuir e 'chluas air' a chleas-
aiche mar a bha i roimhid.
" Tha mi 'faicinn," ars' an t-Iarla, " gur leat fhein cleasachd na
h-oidhche 'nochd."
Dh' fholbh Taog pratach, 's gad a dh' fhanadh eud an sin fad na
h-oidhche, cha d" thigeadh e a 'n coir.
Dh' fholbh an Ceathairneach an sin, 's chuir e dreumaire mòr
suas ris a' ghealaich ; 's chuir e ann an aon àite dheth cii agus gearr-
aidh ; 's chuir e ann an kite eile dheth bodach agus caile. Treis as a
dhe'igh seo dh' fhosgail e, 'n toiseach, far an do chuir e 'n cii agus an
gearradh ; 's bha 'n cii 'g itheadh a' ghearraidh. Bhuail e buille de
dh' oir a bhois' oir a' chii, 's thilg e 'n ceann deth. Dh' fhosgail e"
rithisd fur an robh am bodach 's a' chaile ; 's bha 'm bodach a' pog-
adh na caile. Bhuail e buille de dh' oir a bhois' air "s thilg e 'n
ceann deth.
" Cha bu gheamha leam," ars' an t-Iarl, "air moran, cii agus
bodach a bhith air am marbhadh ann a' m' chùirt."
" Thoir còig mhairg da uair airson gach aon diu 's cuiridh mise
na cinn orra 'ris," urs' an Ceathairneach.
" Gheibh thu sin," ars' an t-Iarl Deas.
Fhuair e na coig mhairg da uair, 's chuir e 'n ceann air a' chii 's
air a' bhodach mar a bha eud roimliid ; 's gad a bhiodh eud beo gus
an seo, cha d' thugadh an cii lamh air gearraidh, na 'm bodach air
caile, air eagal gun tug-te na cinn din.
An la 'r na mhaireach, an deigh am bidh, anns a" mhaidinn,
chaidh e 'shealgaireachd leis an larla. Nur a bha eud feadh na coille
chual eud coireal ann an tom.
" Bhuam seo," ursa Diiradan Diiradan ! feumaidh mi dol a dh'
amharc cas a' Bhodaich 'Ic Ceochd.
Ghabh e 'mach,
'S ghluais e mar mhuir-mhill o mhur-mhill.
'S mar mhire-bhuill o mhire-bhuill ;
Mar ghaoith ghailbheach gheamhraidh,
Gu sitheachj sothach, sanntach,
Skr-mheamnach,
Trid ghleanntan as ard-mhullach ;
Agus stad cha d' rinneadh leis,
Gus an d' rainig e,
Taigh a' Bhodaich 'Ic Ceochd.
X

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence