Skip to main content

‹‹‹ prev (295)

(297) next ›››

(296)
L
292
Misneach mhath a mhiiinntir ghaolach,
'S gabhaidh Dia dhuinn daonnan càs ;
Cuiribh dòchas daigheann, faoilteach,
Anns an aon Tì ni dhuinn stà :
'S buanaichibh go rìoghail, aorach,
Traisgeach, ùirneach, caoineach, blà ;
'S bithidh dìleas chàch a chèile,
'S duinear suas ar creuchdan bàis.
Ach 's feadar dhomhs' a nis' bhi falbh uaibb,
A Ghàèlabh calma mo ghràidh :
Bu mhòr m' earbsa' as ar fònadh,
Ge do dh' fhònadh dhuinn 's an àr,
'S iomad ana-cothrom a choinnich
Sinn, 's an choinnidh bha gun àgh :
Ach gabhaidh mis' a nis' mo chead dhibh,
Uine bbeag : ach thig mi tràth.
Leasaichidh mi fòs ar callsa,
'Churaidhnean gun fheall, gun sgàth ;
A dhìlse, dhliodhach, rìoghail, threuna,
A dheanadh euchd ri uchd nam blàr :
'S cinn a's coluinn chuir o chèile,
Sinn', 's sibh-fèin a sgaradh fàs ;
Ach togaibh suas ar misneach gleusda,
'S cuiream fèin r' ar creuchdan plàsd.
NA GAEIL.
A Mhuire sinn ta air ar ceusadh !
Air dhì cèille, sinn gun chàil :
Tearlach Stiùbhart Mac Rìgh Sèumas,
A bhi na èigin anns gach càs :
Gur h-e sin a rinn ar lèireadh,
Gur h-e's fèudar dh'a gu'm fàg :
Sinn na dhèigh gun airm, gun èideadh,
Falbh 'n àinm Dhè ; ach thig a ghràidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence