Skip to main content

‹‹‹ prev (259)

(261) next ›››

(260)
[ 256 J
Gach gàirdean 'na ruigheach
'S gach cridhe 'na leòghan
Gu dana, drabasta,
Làmhach, ladorna,
Biodh buaidh gach machair leibh
Sgach àit' an tachair sibh,
Hò-rò togaibh an'àird'.
Na cuireadh fuaim fudair
Bonn cùraim 'n 'ur feòil-sa,
Hò-rò togaibh an'àird,
Namosgaidean dù-ghorm
Dad mhùtbaidh 'n 'ur dòchas,
Hò-rò togaibh an aird.'
'Nuair thèirgeas am fuaim sin,
Dh'fhalbh an cruadal 'sa'n dòrainn,
Bithidh sibhse nam badabh
Leis a chleachdadh bu nòs duibh
Biodh gach treum-fhear fulangach,
Sàthach, builleanach,
Laidir, curanta,
'S cha deann nàmhaid fuireach ruibh,
Hò-rò togaibh an'àird.'
'S raòr am fàth misneach dhuibh
Dlighe na còrach
Hò-rò togaibh an'àird ;
Cha bhi 'ur cogais 'g'ur n-agairt,
'S bi'dh ceartas 'g'ur còmhnadh,
Hò-rò togaibb an'àird.
Cha'n ionann 's'ur nàimhdean,
Ged tha iad ro threòrach,
Bithidh 'n cogais ga'n dìteadh,
Chionn strìochdadh do Dheòrsa,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence