Skip to main content

‹‹‹ prev (238)

(240) next ›››

(239)
[ 235 ]
" cho gann de clioille is mach falaicheadh fiadh a cha-
bar ann," ach a dhaindeoin sin cha robh ionad falaich
air tir-mòr cho math ris, tha e làn chàrn, gharbhlach,
a's chòs.
Bha Cluainidh agus Loch-Iall 'nan oghaichean, agus
uime sin ro ghaolach air a' chèile, rinn iad ionad falaich
dhaibh fèin ann am Meall-an-Iubhair air Beinn-altair,
agusbha Mac-a-Phearson Bhracachaidh, a bha pòsda ri
piuthar do Chluainidh, a' cur thuc a bhiadh 'sa dheoch
mar chaitheadh iad.
Air an deicheamh latha fìchead de mhìos dheireannach
an fhoghair (an darra latha an deigh do Chluainidh
falbh an coinneamh a' Phrionnsa) bha Loch-Iall Fear-
Bhracachaidh agus dithis eile, a' cluich air na cairtean
ann am bothan falaich Mheall-an-Iubhair a chum cur
seachad na h-ùine, 'nuair a bha gill' 6g eile da'm b'ainm
Ailean Cam-Shron a' cumail freiceadain air uchdan os-
ceann a bhothain. Air dhaibh a bhi co-strì ma " ghlacadh
na deich" Thainig Ailean Cam-Shron a staigh le cabhaig
a dh'innse gu'n robh ciiignear dhaoine fo'n armachd a'
tighinn a dh'ionnsaidh a' bhothain, (se sin ri ràdh ; am
Prionnsa, Fear-Locha-Garaidh, GiUeasbuig Cam-Shron,
bràthair Loch-Iall fèin, agus a dhà sgalaig, b'iad so na
fir a thainig maiUe ris a' Phrionnsa blio Acha-na-
Garaidh.) Bu diamhain do Loch-IaU a nis' ionnsaidh
thoirt air teicheadh ; ged abhiodh aphàirtidh nàimhdean,
mar a shaoil iad a bhi ann, ni bu Uonmhoire ; bha dà
ghunna dhiag agus ceithir dagachan aca làn anns a'
bhothan, agus bha iad an deigh cuid dhiu a chur a
mach tro thuiU a bh'air a' bhaUa chum làdach chinn-
teach a losgadh air a phàirtidh a bha dlùthachadh riu,
agus cha b'ann gus an robh an t-iarunn-leigte ga

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence