Skip to main content

‹‹‹ prev (233)

(235) next ›››

(234)
[ 230 ]
Chunnaic ìad a nise nacli robh buannachd sa'm bith
dhaibh a dhol na b'fhaide gu tuath ; agus phill iad
air an ais air uisge-Chanaich air an fheasgar sin
fèin, (^an treas latha deug,) agus ma dhà uair sa mhad-
ainn bha iad ann am Fàs-na-Coill ann au Srath-Ghlais :
f huair iad gabhail riu ann an so gu fiùghantach, fiall,
ann an taigh lain Shiseil, tuathanach cothromach, a
bha mach le Sisealaich eile na dùthca sin ann an cogadh
Thearlaich fèin latha Chuil-Fhodair.
Air madainn an t-sheachdamh latha diag thog iad
orra, ghabh iad an t-ath-ghoirid, agus bha iad aig
Bruthaichean Ghlinne-Moireaston mu dheich uaireau ro
mheadhon-latha. Chuir iad a' chuid a bha rompa de'n
latha sin seachad air mulach a' bhearaidh, agus m'u
òidhche chaidh iad astar mìle air an aghaidh ; agus
ghabh iad fasgath ann am bothan àiridh gus an tigeadh
an latha. Cha robh nise dad aca a dhitheadh iad,
agus chaidh Fàdruig Grannd agus Alasdair Siseal a
chur sìos gu srath na dùthcha a dh'fheuch am faigheadh
iad biadh r'a cheannach. 'Xuair a theirinn iad le
leathad, co thachradh riu ach Granndach Ghlinne-
Moireaston, labhair an duin'-uasal sin riu ma so : —
" C'àit' 'fheai-amh am beil sibh a chòmhnaidh anns na
h-amannan truagha so, 'nuair a's aiumig a tha duin'
agaibh r'a fhaicinn, no cia mar idir tha sibh beò."
Fhreagair Pàdruig Grannd an duin'-uasal mar so : —
" O'n tha siun a' faicinn an nàmhaid a creach na
dùthcha, chuir sinn romhainn gu'm biodh ar cuid
againn do'n chrich ; agus nacli saoil sibh fèin gu'm bu
mhòr am beud mar bidheadh."
Gearr-Fhalt, (FUzgerald) a chrocliadh ann an Inbher-Lòchaidh.
Fhuair an dithis eile a ghabh rathad Chnòideart air falbh do'n Fhràing
maille ris a' Phrionnsa fèin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence