Skip to main content

‹‹‹ prev (230)

(232) next ›››

(231)
[ 227 1
laic na ceathairneich na bha marbh do na saighdearan,
chaidh cùignear dhachaigh leis a' chroth, agus an dithis
eile leis na clèibh a bh'air an each, ni air an robh iad
glò shòghar fad ioma latha.
Bha'm Prionnsa nise ro dheonach dol a chomhnaidh
maile ris na ceathairneich so, n'am b'e is gu'm biodh
iad air son da dhol ann ; air an aobhar sin dh'fhalbh
bràthair Fhir Ghlinn-Aladail, agus an duine mhuinntir
Ghlinne-Garaidh ma thrì uairean sa' mhadainn, (air an
naoidheamh latha fichead de'n mhìos,) do'mbheinn anus
an robh iad a chòmhnaidh. Air dhaibh na ceathairneich
f haotaiun, thuirt bràthair Fhir Ghlinn-Aladail riu, gun
robh Tighearn' òg Chlainn-Raouaill air fògar fagus
do'n àite, agus gu'n robh e air son fasgath agus dìon
fhaotainn uapa-san, nan deònaicheadh iad sin a
thoirt dha. Thuirt na ceathairneich fhiìighantach gu'n
deònaicheadh iad le'n uile chridhe, esan a thighinn agus
gu'n uochadh iadsau dha gach caoimhneas a bha 'nan
comas, agus chur iad fios da ionnsaidh e thoirt coinn-
eamh dhaibh anu an uamhaig Choire-ghoth 'am Bruth-
aichean Ghlinue-Moireaston aig uair shònraichte,
agus gu'n gabhadh iad cùram dheth. Thog am Prionns'
agus a luchd-leanmhuinn orra agus rainig iad Coire-
ghlòth air a' cheart uair a gheall iad. Cha robh mu'n
àm anns an uaimh dhe na ceathairneich ach an dithis,
an Dhòmhnullach agus Alasdair Siseal. Chaidh fear
Ghlinn-Aladail a steachd do'n uaimh agus thuirt e riu,
gu'n robh Tighearna Chloinn-Raonaill aig an dorus ;
ach cha bu luaithe a chunnaic iad an duine a bhasa 'g
innise dhaibh bu Thighearna Chloinn-Raonaill, na
bhuail iad am basan le aighear, agus ghlaodh iad : —
" Am Prionns'! Am Prionns'! a bheatha do Choire-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence