Skip to main content

‹‹‹ prev (224)

(226) next ›››

(225)
[ 221 ]
a chuir air a thuras sgith. Bha'n òidhche ro dhorcha,
agus an rathad ro chas, agus chaidh na daoine ann an
reang as deigh a chèile, agus Dòmhnull Cam-Shron
air an toiseacli, am Prionns' as a dheigh, Fear-Ghlinn-
Aladail an deighe a' Phrionnsa, agus da lain Dhòmh-
nullach as deigh Fhir-Ghlinn-Aladail. Air dhaibh a
bhi dol seachad air droch cheum leacaich air bial creige
shleamhnaich Tearladh agus chaidh e dheth a chasan,
ach gu sealbhach rug DòmhnullCam-Shron air a làimh
dheis agus Fear-Ghlinn-Aladail air an làimh chlì, agus
chaidh ac' air a thogail suas air a chas-cheum, ged theab
iad a bhi 'nan triùir " sios le bruthach gu'n dìreadh."
'Nuair a rainig iad mulach na beinne, chunnaic iad
solus aon de chàmpachan an nàmhaid romp'air an t-slige
a bha duil ac' a ghabhail, bha iad mar sin air an iathadh
rompa 'nan deigh agus air gach taobh ! Shònraich iad
co-dhiù dol air an aghaìdh a dh'ain-deoin gach gabh-
aidh, agus chaidh iad cho faisg air cunnard is gu'n robh
iad a cluinntinn na cainnt' a bha na nàimhdean a' labh-
airt ri chèile, Dh' fhèlaidh iad suas ri aodann an ath
chnuic, agus dheth an uchd sin chunnaic iad teine
Càimp eile 'na laidhe rompa direach air an t-slighe a bha
iad a dol a ghabhail, ach bha iad a cuir rompa an ionns-
aidh a thoirt air a dhol seachad an so mar an ceudna.
Dh' f han iad air an uchdan gus an robh e ma dha
uair sa mhadainn, agus bha lasair theine nan Ccàmp a'
fannachadh, mar a bha solus èibhinn an latha a deall-
radh, agus a' ghrian ag èiridh, agus an sin phill gach
luchd-freiceadain gu'n càmpachan a thaobh le solus an
latha gu'n gabhadh iad sùl-bheachd air feagh gach àite
mu'n tiomcheall. A nise bha eadar dà chàmpa nan
nàmhaid amar uiUt a chladhaich tuil a' gheamhraidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence