Skip to main content

‹‹‹ prev (221)

(223) next ›››

(222)
V 218 ]
an aisig do'n Eilean-Sgiathanacli cliaidh a ghlacadh
agus a chur air bòi-d long-chogaidh gu ruige Lunnainn,
Chùm Aonghas Dòmhnullach Bhòrghadail am
Prionnsa an am falach fad thrì latha ann am bùthaig
bharraich anns a' choille dlù dha. Chual' iad an sin gu'n
robh an tòir air tighinn air a luirg cho fad ri Moroir,
agus mheasadh iomchaidh, gu'm bu chòir dha gluasad
as a siu gu ionad a b'uaighnich' a bha ma thuaram
cheitheir mìle n'a b' fhaide air falbh a meag nan creag
aig a mhuir siar air Bòrghadal, ann an sin thogadh
bothan fàil agus taobh an fheòir a mach, air chor is gu'n
saoileadh duine nach faca bhi ga thogail, nach robh ann
ach toman gòrm do dh'obair nàduir. Thainig an long
chogaidh a ghlac Mr lain Mac-Ionmhuinn a steach do
Loch-nan-uamh, agus dh' flian i tri latha 'na laidhe air
a h-acair ma choinneamh a bhothain so anns an robh
Tearlach a chòmhnaidh, gun urrad as aon sùil a thoirt
an taobh a bha e I
Chuala Tearlach a nise gu'n robh a nàimhdean air
iathadh mu'n cuairt dha, agus mheasadh nach biodh e
iomchaidh dha fantainn n'a b' fhaide ma Loch-nan-
uamh, air an aobhar sin ghluais e fèin, fear Ghlinn-
Ealadail agus lain a bhràthair, agus lain Mac Fhir
Bhòrghadail ; ma mheadhon latha bha iad air ard a
mhulaich ris an canair Sgorra-beag am braidhe Arasaig ;
ann an so ghabh iad biadh a's leag iad an anail.
Ghluais iad as a sin agus rainig iad mulach Fhriogh-
Bheinn. Cha robh iad fad ann an sin 'nuair a thainig
teachdaire dh'innse dhaibh gun robh ciad fear-feachda
de Chaim-beulaich Earraghàèl a'dìreadh ri taobh na
beinne air an robh iad 'nan seasamh. Cha dh'fhan
iad an so n"a b' fhaide, Ma mheadhon òidhche air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence