Skip to main content

‹‹‹ prev (206)

(208) next ›››

(207)
[ 203 ]
agus tliug e steach do'n t-seomar mhòr i cuideachd."
Thug briathran a phàisd' air a màthair a shaoilsinn
gun tug a h-athair a h-aon de na fògaraich a bha
gabhail dion air feagh an eilein fo thearmunn, gidh-
eadh cha d' fhuair i coire sara bith da còmpanach air
son caidridh 'thoirt do'n fhalbhanach bhochd, agus d'
fheòraich i dheth, an robh fios aigair dadidir m'a dhèigh-
inn a' Phrionnsa thruaigh. Air cluinntinn sin do dh'
fhear Chìse-Bòrgh ghlac e làmh a mhna 'na làimh
fèin, agus Labhair e rithe mar so : — " A ghràidh rao
chridhe I 'S e so am Prionnsa fèin fa d' chomhair."
" Am Prionns'," ars ise " Mas e thèid n-ar crochadh gu
lèir cho ard sa' chuireas fiodh sinn !" " Ma thèid" ars
a fear Chìse-Bòrgh, " cha'n fhaigh sinn bàs ach aon
uair, agus cha'n urrainn sinn fhaotainn air son aobhair
a's fearr, cha'n eil sinn a' deanarah ach obair na tròcair
mar bhuineadh do gach Chriosdaidh a dheanamh ; bi dol
a ghràidh agus cuir dòigh air suipeir ; thoir thugainn
aran a's ìm a's càis, uidhean a's baine, no aon ni eile
th'agad rèidh." " Uibhean a's baine," arsa bean an
taigho, ' 'be sin an t-suipeir gu dearbha, g'a cur fa-chomhair
Prionnsa." " A bhean mo chridhe," arsa fear Chise-
Bòrgh, " Is beag a's fios duibh m'a ghiullachd a'
Phrionnsa bhochd so o cheann tamuill, 's ann a
mheasas e ar suipeir na cùirm shòghair, osbarr n'an
deanamaid suipeir shònraichte bhreathnaicheadh na
searbhantan gu'n robh neach ionbhach èigin 'n-ar teach :"
greasaibh oirbh leis a bhiadh, agus thigibh fèin gu 'ur
suipeir maille ruinn." " Mise gu'm shuipeir" ars ise,
" cha'n fhios dhomhsa cia mar is còir dhomh mi-fein a
ghiùlan aig bòrd maille ri Priounsa !" " Ach feumaidh
sibh suidhe sios" ars a companach. " Cha'n ith am

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence