Skip to main content

‹‹‹ prev (204)

(206) next ›››

(205)
[ 201 1
Fionnaghal a nis' air son nach biodh fios aig sgalaig no
aig bean-mhuinntir bean Chirce-Post (nach d'fhuair
fathast fios na diamhaireachd) air an fhar-athad a
bha'm Prionns' agus fear Chìse-Bòrgh gu ghabhail ; air
au aobhar sin thug i air Niall mac Eachainn na h-eich
a ghreasad, agus chaidh iad seachad air a' Phrionns'
agus air fear Chise-Bòrgh 'nan cruinn-leum. Go-dhiù
thug bean-mhuinntir bean Chirce-Post fainear cho
slaodach sa' bha'm boireannach a bha còladh ri fear
Chise-Bòrgh 'na trusgan, agus labhair i mar so ri
Fionnaghal Nic-Dhò:nhnuill : — " Cha'n fhaca mi riabh
cho ladorn amharc ris a' bhoireannach àrd ud, faicibh
na gàmagan fada tha bhunngaid a' gearradh ! cha
chreid mi nach ban-Eireannach i, oir neo fireannach
ann an aodach mnà." Thuirt Fionnaghal, gu'm b'e a
ciad bhaireil a bha ceart, gu'm bu bhan-Eireannach i.
Tacan an deigh sin dhealaich Fionnaghal ri bean
Chirce-Post, agus mharcaich i-fein agus Niall mac
Bachainn gus an tàinig iad suas ri fear ChiseBòrgh
agus ri Tearlach. Air dhaibh a bhi 'nan triùir a'
gabhail air an aghaidh bha'n sluagh a bha tigliinn as
an eaglais a' tachairt riu, agus a' gabhal iongan-
tais m'a airdead agus slaodaichead a' bhoireannaich a
bha coiseachd maille ri fear Chìse-Bòrgh agus dh'
f heòraich cuid aca gu mionaideach m'a timchioll : ach
dh' fhreagair fear Chise-Bòrgh iadmar so : — " chuid-
eai'hda dhiamhainn, agus aindiadhaidh, nach sguir
sibh a' labhairt mu n-'ur gnothaichean saoghalta' air an
Dòmhnach ! " Air cluinntinn so ghabh ara pobull
seachad gun tuilleadh a labhairt. Air dhaibh a bhi
dol tro àllt a bh'air an rathad gu'n drochait, thog
Tearlach a chòta suas gu meadhon a shleisnean ; air a'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence