Skip to main content

‹‹‹ prev (184)

(186) next ›››

(185)
i: 181 ]
òl, bhuanaich iad air an aghaiclh, ach cha deach iad
ach tacan air astar, gus an tug long chogaidh eile an
airre dhaibh, a thòisich air an rugadh mar an cianda,
agus b'ann air èigin a fhuair iad teicheadh do Loch-
Uisge-Bhaidh am Beinne-mhaol ; ach gu sealbhach cha
bu luaithe f huair iad an casan as a bhàta, na shèid
storm laidir an ceann a sguab an long de 'n eirthir.
'Nuair a chunnaic Tearlach cho caol sa' thearainn e air
an dà àra so, thuirt e ri chòmpanaich gun robh e'm
baireil nach robh e'n dàn da bàsachadh a dh'aon chuid
le uisge no teine,
Cha robh iad fad' air tìr ann am Beiune-Mhaol gus
na thòisich fear de'n sgioba ri sireadh maoraich a measg
nan creag ; air dha partan a ghlacadh thog e suas na
làirahe e ga shealltainn do'n Phrionnsa le gàirdeachas :
ruith am Prionnsa na choinneamh leis au spùidsear a
chum am partan a ghabhail à laimh, agus cha b'fhada
gus an robh an taoman sin làn aca de dh'iomadh seòrsa
maoraich. Rinn iad an sin air bothan beag àiridh a bha
mu uidhe thrì mìle bho'n chladach ; air an turas da
ionnsaidh ghiùlan am Prionns' an spùidsear maoraich
na làimh a thaobh gun robh gach duin' eìle a' giùlan
eallach àraidh fèin. 'Nuair a rainig iad am bothan
chunnaic iad nach tàradh iad a staigh ann ach air a
màgan. A thaobh gu'n robh nam beachd fantainn
car seal 'san asdail so, dh'iarr am Priounsa' air Imhear
Burc an starsach a thogail agus claghach sios foipe
chum an dorais a dheanamh n'ab'àirde : air dhaibh am
bothan a dheanamh cho goireasach sa dh' f haod iad,
chuir am Prionnsa fios gu sheanna Mhac-'Ic-Ailein
(athair Thighearn òig Chlann-Raonuill, air am beil
iomradh an toiseach na h-eaclidraidh,) gun robh e nis'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence