Skip to main content

‹‹‹ prev (176)

(178) next ›››

(177)
[ 173 J
eile dheth na Gàèil a bha le Tearlach ge b'e àit' anns
an robh an còmhnaidh. Air an treas latha fichead
de'n Mhàigh dh' fhag e Inbheirneis le rèiseamaidean
thrùpairean, agus feachd lionmhor de shaighdearan
coise agus chàmpaich iad ann an Cille-Chumein, ann
am fir mheadhon na dùthcha,
A Cille-Chumein chuir an Diùc pairti dheth an arm-
dhearg air feadh gach àite de'n dùthaich mu'n cuairt.
Bha gniomharra' nan daoine sin cho brùideil, agus
cho an-iochdmhor is nach eil iomradh againn air a
shamhuil ann an eachdraidh cheud linntean an dòrchad-
ais, no idir a measg chriosdaidhean. Chaidh teine cur
ri aitreabh Loch-Iall, Chluainidh, na Ceapaich, Ghlinne-
Garaidh, Cheann-Loch-Mùideart, Ghlinne-Goill, Aird-
Seile. Chaidh mar an ciadna aitribh na tuath a chreach-
adh sa' losgadh, agus au cuid sprèidh a's àmhlainn a
ghiùlan leis na saighdearan dearga gu càmp an Diùc
an CiUe-Chuimein. Bha na saighdearan a' reubadh an
aodaich dheth na chloinn, agus a toirt nam ban air
èiginn ! Chaidh àireamh lionmhor de dhaoine neo-
chiontach, nach deach riabh air feachd sam bith, a
thilgeadh, agus daoine liatha aosda chuir ro' na mosgaid-
ean mar chuspairean àbhachd. Chaidh iomadaidh a
theich a chum nam beann mar dhìdeann a dhì le fuachd
a's acras. Bu cho lòm a chaidh na Garbh-Chriochan
air eirthire siar Inbheirneis f hàsachadh roi'n deicheamh,
latha de dhara Mios an t-Shàmhraidh is gu'm faoite
bith aca ris an àr-a-mach, nach robh iad ach a dol a rèir comhairl an
tighearnan, agus dh'iarr e air an Diuc a bhi tròcaireach ri creutaran
bochda aig nach robh fios ciod a bha iad a' dheanamh. Cho luath sa
chuir Tighearna Chuil-Fhodair achùl ris an Diùc thoisichan ua-bheisd
air gaireachdaich, agus thuirt e mar so ri fear dheth a chuid oifigeach :
— " Bha 'n t-seana bhean ud ag iarraidh ormsa bhi tròcaireach.''''

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence