Skip to main content

‹‹‹ prev (155)

(157) next ›››

(156)
[ 152 ]
talamh, loisg e dà urchair air prasgan each far an robh
ani Prionnsa na sheasamh, agus b'ann le cuimse cho
math is gu'u bhuail an talamh a dhùisg a h-aon dheth
na peileirean am Prionnsa ma na sùilean ! agus mharbh
am peileir eile giUe' bha na sheasamh r'a thaobh.
Leis a ghunnaireachd mhilltich so chunnaic na Gàèil
iomadaidh dheth an càirdean gaoil nan sineadh gun deò
air an àilean, agus cha b'urrainn Clann-Chatain cumail
orra fèin n'a b' fhaide, agus ged nach robh iad riabh
roimhe sin ri aghaidh teine, no ann am blàr, bhrùchd
iad air an aghaidh tro theine nan nàimhdean, agus ged
a bha iad air an dalladh le ceò an f hùdair is le dlù chur
sneachd 'a bha seideadh gu laidir nan aghaidh, raiuig
cuid aca na nàimhdean, ruith na h-Abhallaich, na Cama-
Shronaich, na Stiùbhartaich, na Frisealaich, agus
Clann-'Leain, as an deighe. M'a ùin dk mhionaid an
deighe sin, bha na Fineachan gu lèir, ach Clann-Domh-
nuill, ri aodann nan nàimhdean le claidheamh a's sgiath.
Ged a bha canoin nan Gall a sadadh pheileirean air
feadh nan GàGl mar gharbh-fhras de chlacha-meallainn
an Fhaoillich thriall nan laoich gu'n tioma air an agh-
aidh, a chum faighinn an ionad tarruinn lann, agus mar
gu'n sgaoileadh osag nam beann an ceò air falbh bharr
uilinn nan cnoc, dh'iomainn na Gàeil natri rèiseamaid-
ean a bha mu'n coinneamh rompa, iar dhaibh iad so a
chuir bho thapadh, ruith iad air aghaidh cuideachd eile
dheth an arm-dhearg, ach loisg iad so làdach ghunnaidh-
ean caola nan codhail agus a' chuid dhiù nach do mharbh
an teine sin bha na trì hèlgeìleidecm sàite còladh nan
corp, agus bu ghann a fhuair iosal no uasal diu às le'm
beatha.
Bu cho raòr an t-àr a rinneadh a measg nan Gàel

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence