Skip to main content

‹‹‹ prev (145)

(147) next ›››

(146)
I 142 ]
peileir! — Mharbli e pìobair Mhic-Leòid Dhùn-bheagaiii
a bha cluich air fior thoiseach na feachda. Cho luath sa
chuala còmpanaich a ghobha fuaim na làmhaich, loisg
gach fear urchair fèin, agus leònadh leo so triuir no
cheathrar dheth an f heachd — ghlaodh an gobha an sin
le guth ard-labhrach : — " A Chlaun Dòmhnuill, seasaibh
air an laimh dheis, a Chlann Chàtainn seasaibh air an
laimh chlì, agus seasaidh mi-fèin 's na Frisealaich sa
mheadhon, agus faiceam nach leig sibh anam beò dheth
na ghràisg as, a thàinig air tì bhur Prionnsa gi-àidh a
mhort. Air cluinntin so do dh-armailt a Mhorair shaoil
iad gum b'e guth Loch-iall a chuall iad, a toirt orduigli
de mhor-fheachd a' Phrionnsa tòiseachadh orra ; ghlac
maoim a's uabhas iad gu lèir — agus ann am priobadh
nan si^il " chuir gach fear aghaidh air iiiil 'sa chùl ri
ain-eol" a' piUtinn air an ais ann am mòr bhreisleich, a
saltairt air muin a chèile, am fear bu laige bha e'n
iochdar, 's am fear bu treise bha e'n uachdar, agus
cha do sheall iad aon uair as an deigh, gus an d* fhàg
iad an gobha agus àrmailt àireamh mhìltean air an
cùl. Bha Tigheai'n òg Bhaile-nan-Gobhann fad iomadh
bliadhna ann an armailt Rìgh Deòrsa agus ann an iom-
adh blàr fuileachdach às na Rioghachdan so, agus chualas
e gu tric ag aithris, nach fac e riabh ruaig cho dorainn-
each ri " Buaìfj na Mòidhe.'" Chaidh sgeul air euchd a'
ghobha a' ghiiìlan a dh'ionnsaidh Thearlaich : an sin
dh' f hag e-fèin agus a luchd-leanmhuinn an ionad f hal-
aich, agus chaidh iad le mor ghàirdeachas gu 'm biadh-
maidne gu taigh na Mòidhe.
Air an latha sin fèin, an t-ochdamh de chiad mhìos
an Earraich, fhuair Tearlach cuid mhath dheth an
àrmailt cruinn, agus ghabh e air aghaidh do bhaile In-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence