Skip to main content

‹‹‹ prev (142)

(144) next ›››

(143)
[ 139 ]
agug am marc-sbluadh fo chomanncla Mhorair Seòras
Moireach an rathad timchioll a tha treòrachadh tro Shiorr-
amachd Aonghais agus Obaraidhean. Bha 'n dà chuid-
eachd gu chèile chodhlachadh ann am bail' Inbheirneis.
Air a' cheartLatha sin, bha Diùc UiUeam na stada'càradh
drochaid Shruidhleadh a chum 's gu 'm faigheadh an
t-àrm-dearg air aghaidh, chaidh an drochaid sin a bhris-
teadh le Blackney air tùs a chogaidh a chum na Gàèil
a bha 'g èiridh leis a' Phrionus' a chumail air an ais.
An uair a b' eiginn do'n Diùc fantainn rè latha
a' càradh drochaid ma's faigheadh e fèin agus armailt
thar an abhaiun, chuir am Prionns' agus fheachd,
iomadh bial-àth, agus dhirich a's thearainn iad iomadh
tulach a's bealach, g'un umhail de dh' fhuachd no
dhoireann, a' triall air an aghaidh tro gach cruadal gu
siùlbhlach, suilbhear, neo-acanach. An latha theich iad
bharr an t-Slèibhe, cha'n robh an dùic ach ma astar latha
as an deighe, ach air an treas latha chual' e gun robh
an t-àrm Gàelach astar shia latha an ceann air, agus
gum b'ann nan dà chuideachd a thriall iad dhachaigh,
Aon bhuidheann air an t-shghe dhìrich gu Inbheir-
neis, agus am buaidheann eile air rathad mòr an rìgh
a ta dol timchioU eirthire cuain* Mhontroise agus Obar-
aidhain. Chunnaic e nise gum bu diamhain da bhi lean-
tuinn na ruaige aig an àm sin ; bha'n t-sion agus am
fuachd au impis gasanau fuara reòta dheanamh dheth a'
chuid saighdearan: agus cha robh beanntaicheau bàna
sneachda na Gàèldachd a bhanise 'togail an cinn dhos-
racha ghailbheinn na shealladh a toirt dha ach beag
misnich a chum an tòir a leanntainn air luchd nam
• Mu'n cuairt taobh na raara an Siorramachd Mhontroise agus
Obaraidhean.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence