Skip to main content

‹‹‹ prev (138)

(140) next ›››

(139)
[ 135 ]
Air dlia thighiim gu lù-chairt rìoghail Dhunèideinn,
chaidh e gun dàil gu leabaidh — anns a' cheart leab-
aidh-stàta anns na chaidil Tearlach rè cheithir mìosan
roimhe. An deigh dha fois dha uaire ghabhail, dh'
eirich e, agus thòisich e air cur a ghnothaichean air
dòigh, gu dhol an deighe nan Gàel. Roi' ochd uairean,
agus mu'u do ghabh e 'bhiadh-maidne, bha e gu dich-
eallach a cumadh innleachdan maille ri Seanaileir
Ilawle^f, Ilusk, agus ard oifigeich eile, a chum feachd
a' Phrionns' a sgrios. Mu'n àm sin bha cluig-chiùil a'
Bhaile a' cluich mar onair agus mar shòlas ri theachd.
Bha'n t-arm-dearg air fàs mòran n'a bu lionmhoire agus
n'a bu mhisneachail na bha iad an uair a theich iad a
Sliabh na h-Eaglais, — ^bha iad deas air son ath theine
thoirt air na Gàeil, agus bha iad air tì triall nan dail
bcagan laithean mu'n tàinig an Diùc,
Bha nis' a rùn air an Diìic triall air an ath mhad-
aiuu leis an arm-dheai'g a chum latha blàir f heuchainn
ris na Gàeil, agus è fèin air ceann na feachd a chum
am beothachadh, agus am misneach a chmail suas.
Dh'fhàg e-fèin 's an t-arm Dunèideann air an tri-amh
latha diag thar fhichead de mhìos dheireannach a'
Gheamhraidh.
Chuir Diùc Uilleam an òidhche sin seachad ann an
Gleann-Iuch, an làn dòchas gu 'n robh e gu chothrom
fein fhaotainn air fcachd a' Fhrionns' au ath latha, —
Moch sa' mhadainn dh' fhàg an àrmailt Gleann-Iuch
agus an Diùc fèin a' màrsail air tùs na rèiseamaide ris
an cainnt' An fheach Rìoghail Albannach, a' brosnach-
adh nan daoine le dion bhriathran, iad an ceum a luath-
achadh, a chum tarruinn suas ris na Gàeil, a chaidh
innse dha 'bha nise teicheadh le deifir do 'n taobh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence