Skip to main content

‹‹‹ prev (134)

(136) next ›››

(135)
[ l'll ]
gach Gàel, ach do shluadh Bhreatainn gu lèir, cha ruig-
ear a leas cliù an latha sin ainmeachadh an so ; tha i
chean' iomraiteach ann an seannachas gach rioghachd
leis am miann " uirsgeul nan cath." A thaobh a mhòr
spèis a bh'aig Fear na Ceapaich do dh' Fhear Fòlàis
fhuair a ciste-laidhe duin'-uasail air a deanamh dha
san Eaglais-Bhric : agus an uair a chaidh na h-oifigich
dhearg' a thilgeadh air muin a chèil' ann an tuiU gun
fiìi lein' an anard far na thuit iad ; chaidh Fear-Fòlais a
ghiùlan air ghuaillean Chlann-Dòmhnuill gus na leag iad
sios e ri taobh an dà ghaisgeich iomi'aitich sin, an Gream-
achagusan Stiìibhartach athuitannsachathghailbheach,
a chuireadh, air Sliabhnah-Eaglais aireamh bhliadhnach-
an roimhe sin, agus a bha air an tiodhlaiceadh ann an
clagh, na h-Eaglaise-Bric. Feagh a bha Fear Fòlais ga
ghiùlan a chum na h-uaige, bha dà chlaidheamh air an
cuir tarsuinn air a chèile air clar-uachdair na ciste, agus
targaid 'nan glaic, Bha cinn-feadhna nam finneachan
gu lèir an deigh a' ghiùlain, agus siathnar phìobairean a
cluich " Cumha Fir Fòluis" cha'n f hada bho'n a chaoch-
ail seana bhean a mhuinntir na h-Eaglaise-Bric aig an
robh cuimhn' air tiodhlaiceadh an fhiùidh so.
Mu'n dh' fhàg Seanaileir Haidey Dunèideann, chum
tachairt ri armailt a' Phrionnsa, thog e dà chroich air
chuid gunna no claidheamh aig an duin' uaraidh so, ach seann speal le
dòrn math coise de cheathramh innsinn. Leis an arm òilteil so bha e leag-
ail mionach nan each-cogaidh ri talamh air a' chiad bhuille, agus a
meadhadh dhòrn a's chnuac dheth nanaimhdean air gach taobh dheth.
Ged do bha na dearganaich bhochda dol air an glùinean roimhe ag
iarraidh trocair, bha e deanamh spealadh nan diahag orra. 'Nuair a
thug an Prionns' an aghaidh dha an deigh a bhlàir air son a bhi cho
beag iochd, ghabh Caluni còir a leisgeul fèin le radh nach robh e
tuigsinn le cion na Bheurla co dhiu bha iad ag iarraidh sìth no
còmhrag.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence