Skip to main content

‹‹‹ prev (108)

(110) next ›››

(109)
[ 105 ]
air an t-slighe so mar an cianda bliristeadli sios, air an
aobhar sin thàinig air an arm a dhol tliar Abhainn
Mhcrcy air sheòl eile, agus be sin coillc chrithinu a bha
ri taobh na h-aibhne a' ghearradh agus seòrsa drochaid
a dheanamh dheth na craobhan air an d' fhuair na
h-eich, na canoin, agus gach trealaich chòmhraig eile
null : ghabh am Prionnsa fèin maille ris a' chuideacbd
eile de'n àrm am bial-àth aig Stocl'port agus an sruth
a' ruidhinn suas gu chrios.
Air feasgair a' chiad latha de mhios mheadhonach
a' gheamhraidh thàinig an dà chuideachd dheth an
armailt an ceann a' chèile aig Maccleshjìeld far an
d' fhuair Tearlach brath gun ghabh Diuc Uilleam com-
annd' au airm Shasunnaich a bha na laidhe ann an
Siorramachd Staford. Rùinich am Prionnsa gu 'n
gluaiseadh e fèin agus an t-arm Gàelach gu Derhìe chum
's nach biodh fios aig an Diilc c'àit' an rachadh e air an
tòir — mar sin chaidh Morair Deòrsa Moireach le prasgan
dheth an arm gu ruige Congleton, air an rathad dhìreach
a ta treòrachadh gu Litchfield, an uair a chaidh a' chuid
eile' de 'n armailt gu ruige Derbie.
Air an dara latha de mhìos mheadhonach a' gheamh-
raidh, chuala Diuc Uilleam gu'n robh feachd laidir dheth
na Gàeil ann an Congleton agus gun robh a' chuid eile
dhiù gu bhi ann sa' bhaile sin ma òidhche. Chaidh Diùc
Uilleam air an f heasgar sin gu baile ris an canair Stone,
a' fulang do mhòr-f heachd nan Gàel gabhail seachad air
gun f hios da, Fhuair Morair Seòras a nise seachad an
rathad bu mhiann leis, agus dh' fhàg e Congleton agus
chaidh e seachad tro Leeh, agus ràinig e baile do'n
goirrear an i-Allt-hmsinn ma fheasgar,
Tacan an deigh dhaibh a dhol seachad air Leeh thrus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence