Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
[ 45 :i
e eaug gus an d'ràinig e taigh a cliaraid Mr. Moraidli
Obair-Charnaig. 'Nach ceart a thuirt amfacal, — " Gur
feumail a dhol air each mall 'san àm uach faighear an
saoidh." Cha tug an Diùc roi 'n àm so ceannfath sam
bith do mhuinntir Sheòrais air a ghlacadh ; nan tugadli
cha 'n fhaigheadh iad cho faisg air sa f huair iad : 's e'n
aon ni mu'n robh iad air son a chuir fo glilais, fios a bhi
aca gum bu duine cumhachdach e aig an robh mòran
luchd-leanmhiiinn agus shaoil iad a chumail an làimh
gus an rachadh an dara taobh dhaibh fèin 's dn
Thearlach ; ach 's ann a bhrosnaich an ionnsaidh mhi-
f hearaU so a thugadh air e gu eiridh le fraoch agus
graide : agus ann am beagan laitliean thog e a chuid
daoine ann an aobhar a Phrionns', a bha mu thuaiream
mìle fear ann an àireamh, agus dh' fhalbh e-fèin air an
ceann.
Feadh a dh' fhan Tearlach ann an Peairt thainig
iomadach ceann-cinnidh le'n cuid daoine ga ionnsaidh,
Tighearna Shrath-Ailein sa' chuid daoine ; Tighearna
Ogailbhi, mac larl' Airlie, agus a dhaoine ; Tighearna
Shruthain agus a dhaoine ; lain Ruadh Stiùbhart
Chinne-Chàrdain agus Stiùbhartaich bhraigh Pheairt :
agus mòran de thuath Dhiùc-AbhaiU ; Morair Seòras
Moireach le feachd ro lionmhor dheth a chinneadh fèin.
Bha Morair Seòras na leth sheann-duine mu'n àm so.
Bha e ann am blàr Sliabh an t-Siorraim sa' bhliadhna
1715. Bha e na shaighdear ro fhòghluimte ann an
dòighean an airm ; bha uidhir a' dh'earbs' aig Tearlach
as a sheòltachd is gu d' rinn e ard-sheanalair dheth
thar chàich gu lèir.
'Xuair a ràinig Tearlach Peairt cha robh aige na
sporan ach aon gM^mi òir. Air an aobhar sin dh-òrduich

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence