Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
[ 38 ]
dheanamli ri lain Cope, ach Morair Ghlinn-Urachaidh
na aonar, air an aobhar sin thaiuig air Sir lain seachd ■•
ceud dheth na niosgaidean a thug e leis, an earalas gu'n
eireadh na Gàuil leis, a phiUeadh air an ais gu Sruileadh.
A nis chunnaig lain Cope gum bu diamhain da dòchas
a bhi aige gu'n eireadhna Gàeil Pheairteach leis mar a
shaoil e air tùs, ged a b' ann nan earbsa a dh'fhàg e
Dunèideann le feachd cho lag ri ceithir cheud diag
fear, agus bu mhiann leis pilleadh air ais gu Sruidh-
leadh, mar be luchd-comhairl' an Rìgh a bhi ga bhros-
nachadh cho dian air adhart.
Air an dara latha fichead rainig e Amul-Righ, agus
Drochaid-Thatha air an treas latha fichead rainig e
Tranphuir, agus air a chiìigeamh latha fichead Dail-
na-Ceardaich. Na h-uile latha mar a bha e dol air
adhart, bha e faicinn na cùise na bu mhi-choltaiche, an
rathad a fàs n'a bu mhiosa, agus sluagh na dùthcha 'fì^
ann an droch rilin da, ghoid iad na h-eich a bha giùlan
a chuid bidhe air au òidhche ; leis an sin, b'eiginn da
na ceudan de a chuid pocachan arainn fhagail air a
chùl, agus na daoine ris an d'earb e'n t-aran so, ged do
gheaU iad a chuir ann a' dhèigh ; thug iad a cheart aire,
nach d' rinn iad sin, gus an deach e dholaidh. A rithist
an uair a dh'fliarraideadh e naigheachd ri aon de mh-
uinntir na dìithcha mu'n Phrionnsa bheireadh iad dha
tuairisgeul breugach fo sgàile càirdeis, air chor is fa-
dheoigh nach b'urrainn e facal a theireadh iad a chreid-
sinn, araon bho uasal no chumanta.
'Nuair a ràinig lain Cope Dail-na-Ceardaich thachair
e ri daoin-uasal a chunnaic feachd Thearlaich ann an
Gleann-Fionain, be'n duine so a thug a chiad naigh-
eachd chinnteach dha mu thimchioU an f hir àireamh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence